26/01/2021
A' comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh Wikipedia a stèidheachadh. Wikipedia celebrates its 20th Anniversary.
Air an t-seachdain-sa bho chionn deich bliadhna air ais, thoisich aimhreit shìobhalta air sraidean Tunisia a thug buaidh air An Ear Mheadhanach air fad. Mìnichidh Iain Mac a' Phearsain dè gu sònraichte a dh'adhbhraich An Arab Spring.
Air a’ chòigeamh là tha deug den Fhaoilleach 2001 chruthaich dithis de luchd tionnsgainn Ameirigeanach leabhar ioma-eòlais air an eadar-lìon. Thug iad Wikipedia air.
Bheir Dòmhnall Dòmhnallach dhuinn eachdraidh na là raich agus innsidh Caoimhin Ó Donnaile dhuinn mun adhartas a thathar a’ dèanamh le là rach Ghà idhlig Uicipeid.
Tha ceud bliadhna ann bho mheall dithis nighean òg an saoghal mòr le dealbh de shìthichean a thuirt iad a chunnaic iad aig bonn a’ ghà rraidh aca. Gheibh sinn beachd bho thrìuir, Catriona Lexy Chaimbeul, Calum Aonghas MacAoidh agus Catriona Mhoireach air mar a thug clann-nighean à Cottingley ann an Sasainn an cà r as na eòlaichean thar bhliadhnaichean. Dè cho furasta sa bha e dealbh atharrachadh às aonais teicneòlas an là an-diugh agus mar a tha à ite aig na sìthichean ann an dualachas nan Gà idheal.
Agus tha Aonghas Pà druig Caimbeul a' toirt sùil dè bha anns na naidheachdan air an t-seachdain-sa ann an eachdraidh.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Tue 26 Jan 2021 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 26 Jan 2021 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal