Main content
Sorry, this episode is not currently available

Leabharaichean agus eachdraidh Mills & Boon

Leabhraichean Mills & Boon - am bheil aìte aca fhathast? As the Duchess of York pens a Mills & Boon story, we ask if their brand of romance is outdated or still in demand and why?

Suipeir airson an deireadh-sheachdain bho Mhark Mac a' Ghobhainn. An-diugh, cearc le sabhs orainds.

Dh'innis Bana-Diùc York an t-seachdain-sa gu bheil i dol a sgrìobhadh leabhar dhan chompanaidh Mills & Boon, a bhios a tarraing air sgeulachd a beatha fheìn. Chaidh Mills and Boon a chur air chois ann an 1908 le dithis fhear, Gerald Mills agus Teàrlach Boon. Thàinig an t-ainm aca gu bhith aithnichte air feadh an t saoghail airson sgeulachdan romansach. Ach a bheil margadh ann dhaibh fhathast? Agus an tàinig atharrachadh air an dreach thar nam bliadhnaichean? Cluinnidh sinn bho fheadhainn aig a bheil cuimhne air là nuair a bha Mills and Boon pailt air sgeilpichean nan leabharlann!

Tha an sreath dràma ainmeil air telebhisean, Sex and The City, a’ tilleadh às ùr, an dèidh bhliadhnaichean mòra. Bha an sreath a’ leantail cheathrar de bhoirinnich òga, a bha nan tàmh ann an New York anns na 90an agus tràth sna 2000an. Bhitheadh na mìltean mòra a’ choimhead oirre air feadh an t-saoghail. Tha triùir de na h-aon chleasaichean - Sarah-Jessica Parker, Cynthia Dixon agus Kristin Davis air ais san t-sreath ùr. An-diugh, tha an dealbhaiche-aodaich, Sandra Mhoireach a' toirt beachd air a’ bhuaidh a thug iad air saoghal an fhasain bho chionn fichead bliadhna.

Ceòl bho Allman Brown, Call Me Loop, Lady A, La Roux, Little Big Town agus mòran eile.

www.bbc.co.uk/feasgar

1 hour, 27 minutes

Last on

Fri 15 Jan 2021 12:30

Music Played

  • Gregory Dillon

    Sunset

  • Allman Brown

    Sweetest Thing

  • Call Me Loop

    Strike

  • Lady A

    Mansion

  • Little Big Town

    Bluebird

Broadcast

  • Fri 15 Jan 2021 12:30