17/11/2020
A' comharrachadh Fèis Chraobhan na h-Alba. Celebrating the Scottish Tree Festival.
Às dèidh do sgioba ball-coise na h-Alba a' chùis a dhèanamh air Serbia an t-seachdain a chaidh, thuirt an Stiùiriche Clionaigeach Nà iseanta, Jason Leitch, gun robh e gu math dòchasach gum faigheadh cuid de luchd-leantainn cothrom a bhith ag amharc anns a' stèideam an ath uair a bhios sgioba na h-Alba a' cluich. Ach cò ris a tha e coltach a bhith aig geama às aonais luchd-taice? Cluinnidh sinn bho thriùir, Uisdean MacIllinnein, Eilidh Lewsey agus Alasdair MacIllinnein, a tha air a bhith fortanach, air sgà th 's an obair anns a bheil iad, a bhith aig geamaichean ball-coise agus rugbaidh beò.
A' comharrachadh Fèis Chraobhan na h-Alba, a tha a' leantainn gu toiseach na h-ath-mhìos, tha Calina NicDhòmhnaill gu bhith a' toirt sùil air cuid de na craobhan cumanta a tha rim faicinn san dùthaich sa 's mar a thathas gan cleachdadh airson leigheas, connadh, à irneis 's eile.
Cluinnidh sin bho Aonghas Phà draig Caimbeul taghadh dè na naidheachdan a bh' ann air an t-seachdain sa ann an eachdraidh.
Last on
Music Played
-
Islands
Lonely Where You Are
Broadcasts
- Tue 17 Nov 2020 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Nov 2020 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal