Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fichead bliadhna den Stèisean Fànais Eadar-nàiseanta

Fichead bliadhna den Stèisean Fànais Eadar-nàiseanta. Twenty years of the International Space Station. bbc.co.uk/coinneach

Diluain 'sa tighinn bidh fichead bliadhna ann bhon a chuir speuradairean ceum air an Stèisean Fànais Eadar-nàiseanta airson a’ chiad turas. Ciamar a tha an stèisean air an eòlas saidheans againn a leasachadh? A bheil luach air a bhith anns an obair a chaidh a dhèanamh thairis an fhichead bliadhna? Tha Murchadh Peutan agus Dòmhnall Dòmhnallach a’ toirt am beachdan.

Tha Kylie Moore Gilbert air dà bhliadhna a chaitheamh anns a' phrìosan ann an Iran agus tha aithisgean air nochdadh gun deach a gluasad a-mach às. Tha Anna NicLeòid ag innse mun sgeulachd naidheachd seo.

Tha an companaidh Tesla a tha ainmeil airson a bhith a’ dèanamh chàraichean dealain air ainmeachadh gu bheil na prothaidean aca air a dhol an àirde nas motha na bhathar an dùil anns na sia mìosan a dh’ fhalbh. Tha Donnie MacAoidh a th’ air a bhith aig a’ chompanaidh a mìneachadh.

Agus tha Calina NicDhòmhnail ag innse mu na diofar bhalgan buachrach a tha rim faighinn agus mar a thèid againn am fàs. Còmhla rithe tha Alasdair Macleòid agus iad a' còmhradh mu na reasabaidhean a tha a’ cleachdadh balgain-buachrach. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 28 Oct 2020 09:00
  • Wed 28 Oct 2020 21:00