Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ceithir cheud bliadhna de dh' Eaglais nam Manach Liath

A' comharrachadh ceud bliadhna bho chaidh Comunn Tìr nam Beann a stèidheachadh. Celebrating the 100th anniversary of Comunn Tìr nam Beann. bbc.co.uk/coinneach

Còrr air ceud bliadhna bho chaochail Seasaidh NicLachlainn tha iomairt a' dol airson a' chlach uadhach aice, ann an Cladh Coille Chart ann an Glaschu, a chàradh agus aire dhaoine a tharraing gu a beatha. Bha Seasaidh ainmeil na latha agus choisinn i an tiotal Banrgh nan Òran. Gheibh sinn a h' eachdraidh bho Priscilla Scott agus Màiri Anna NicUalraig.

Leis na cleocan a' dol air ais uair a thìde aig an deireadh sheachdain seo gheibh sinn beachdan air mar a tha daoine ann an tìrean cèin a’ dèiligeadh ri gainnead solais an latha.

Cluinnidh sinn bho Chatriona Boyle mar a thathar a' comharrachadh ann an Dùn Èideann gu bheil ceud bliadhna bho chaidh Comunn Tìr nam Beann a stèidheachadh, buidheann a bha airson ceòl tradiseanta a bhrosnachadh.

Thathar a’ comharrachadh gu bheil ceithir cheud bliadhna ann bho chaidh Eaglais nam Manach Liath a stèidheachadh ann an Dùn Èideann. Cluinnidh sinn criomag den chuairt a ghabh Coinneach agus Ruairidh Iain Macleòid timcheall Cladh nam Manach Liath bho chionn bliadhna gu leth. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Thu 22 Oct 2020 21:00

Broadcasts

  • Thu 22 Oct 2020 09:00
  • Thu 22 Oct 2020 21:00