A' bhuaidh a tha eucoir a' toirt air clann òg
A' bhuaidh a tha eucoir a' toirt air clann òg. Dealing with childhood trauma. bbc.co.uk/feasgar
Tha sia bliadhn' deug ann bho chaidh Alasdair MacUilleim a mhurt air starsaich a dhachaigh ann an Inbhir Narainn. Cha d' fhuaireas riamh a-mach cò a mharbh e no carson. An t-seachdain sa dh' innis a mhac Anndra, nach robh ach ceithir bliadhna a dh' aois aig an à m, mun bhuaidh a thug seo orra mar theaghlach. Dè an seòrsa buaidh a dh' fhaodadh a leithid a rud a thoirt air clann òg? Cluinnidh sinn bhon saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid.
Tha Angela NicFhionghuin air trì dealbhan a tha prìseil agus pearsanta dhi a thaghadh. 'S à bhaist do dh' Anglea a bhith fìor thrang air seachdain a' Mhòid, nach eil ann am bliadhna, le prògraman a' BhBC. Ach innsidh i dhuinn na tha ri fhaicinn agus ri chluinntinn air a' BhBC an t-seachdain sa, ged nach eil cumadh à bhaisteach air a' Mhòd.
Agus dè tha tachairt an dèidh dhuibh farpais mhòr a ghleidheadh aig a' Mhòd? An e sin e seachad no a bheil e fosgladh mòran dhorsan ris nach robh dùil? Cluinnidh sinn bho thriùir a bh' anns an t-suidheachadh sin.
Ceòl bho Gizmo Varillas, First Aid Kit, Riley Pearce is eile. www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Previous
Music Played
-
Gizmo Varillas
Burning Bridges
-
First Aid Kit
Come Give Me Love
-
Grace Davies
Just A Girl
-
Riley Pearce
Statue
-
William Prince
The Spark
Broadcast
- Wed 14 Oct 2020 12:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal