Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè a th' air cùl am blàr ann a Nagorno-Karabakh? What caused the conflict in Nagorno-Karabakh?

Mìnichidh am fear naidheach Murchadh Macleòid dè a tha air cùlaibh an t-sabaid a tha a 'dol ann a Nagorno-Karabakh eadar feachdan Armenian agus Azerbaijani,

Tha bacadh air a chuir air luchd-obrach gnìomhachais na h-ola gluasad gu obraicheann ath-nuadhachail. A-rèir aithris, tha aca ri trèanadh as ùr fhaighinn ann a slàinte is sàbhailteachd. Dè cho eadar-dhealaichte sa tha an trèanadh a tha iad a' faighinn anns gach griomhachas? Gheibh sinn fiosrachadh bho Mhurchadh MacIlleathain, Manaidsear Slàinte is Sàbhailteachd.

Tha buidhean de luchd saidheans ann a Sìona air inneal beag a chruthachadh tha ag obrachadh mar tuath gaoith. Chan eil an inneal a’ feumachdainn ach oiteag beag gaoithe airson cumhachd a cruthachadh. Cluinnidh sinn bhon eòlaiche saidheans Iain MacAonghais dè seòrsa inneal a tha seo agus dè cho soirbheachail sa bhios e.

'S iad Nokia a tha gu bhith a’ reic uidheamhach do BT ‘s iad a’ leudachadh seirbheis 5G anns an Rìoghachd Aonaichte, iad a gabhaill thairis bho Huawei . Mìnichich an t-eòlaiche-teicneòlas Dòmhnall Dòmhnallach an suidheachadh.

Thèid Duaisean Gàidhlig na h-Alba an toirt seachad air a’ chòigeamh làtha deug den Dùbhlachd, . Seo an t-ochdamh bliadhna dheth na duaisean ach am bliadhna seo, mar iomadach tachartas eile, thèid an cumail air loidhne. Cluinnidh sinn bho Brian o hEadhra bho Bhòrd na Gàidhlig mun chuirm bhiortail agus mar as urrainn do dhaoine tagraidhean a dhèanamh & dè na roinnean duaisean a th’ aca. Cluinnear cuideachd bho ona Lightfoot, a choisinn duais an uiridh.

An-diugh air 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal tha sinn a toirt an sreath Dàn an Là gu ceann ,'S i Karen Oakley a tha taghadh Dàn a’ Là mu dheireadh - Faoin Thàladh le Dòmhnall Mac Colla.

57 minutes

Last on

Wed 30 Sep 2020 21:00

Clip

Broadcasts

  • Wed 30 Sep 2020 09:00
  • Wed 30 Sep 2020 21:00