Main content
Sorry, this episode is not currently available

Buaidh Covid-19 air oidhcheannan cadail

Carson a tha daoine a' faicinn barrachd bhruadairean bho thàinig lockdown? Why are people having more dreams since the lockdown? bbc.co.uk/coinneach

Bho thàinig an glasadh sios, ri linn a' Choròna-bhìoras, tha daoine nas mothachail gu bheil iad a’ faicinnn barrachd bhruadairean. Tha cuid a' faicinn rudan mì-nàdarra ach cuid eile a' faicinn aislingean a tha gu math càilear. Mìnichidh an saidhg-eòliche Dòmhnall Macleòid carson dè is aobhar dha seo.

Chaidh Novak Djokovic a chronachadh an t-seachdain 'sa seach gun do chaill e smachd air fhèin a' cluich gèam teanas. Ach chan ann a' cluich teanas a-mhàin a bhios luchd spòrs a' gabhail caothach. Beachdaichidh sinn air luchd spòrs eile a chaill an cliù air sgàths an dol a-mach.

Tha Nazanin Zaghari-Ratcliffe, a fhuair binn prìosan còig bliadhna ann an Iran ann an 2016, air rabhadh fhaighinn gum bith i air ais anns a’ chùirt agus casaid ùr na h-aghaidh. Cluinnidh sinn bho Iain Mac a' Phearsain mar a tha Iran a’ cluich geamannan phoileataigeach le Breatainn agus gur e Nazanin Zaghari- Ratcliffe a tha fulang ri linn seo agus gur e sin an adhbhar gu bheil a' chasaid as ùra na h-aghaidh.

Tha Tomod Dòmhnallach a' leanntainn air leis an t-sreath mu Ghàidheil a ràinig àrd ìre ann an dùthchannan cèin.An-diugh gheibh sinn eachdraidh beatha Sir Iain Mac a' Phearsain aig an robh buaidh mhòr anns na h-Innseachan chun na h-ìre agus gu robh e os cionn Bengal.

Agus 'se Iain Mac a' Ghobhainn a tha a’ taghadh Dàn an Là - Oran Mhanitoba le Iain MacIlleathain. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Thu 10 Sep 2020 21:00

Broadcasts

  • Thu 10 Sep 2020 09:00
  • Thu 10 Sep 2020 21:00