Cò bh' ann an Titus Lucretius Carus?
Tha Ard-chomhairlaiche Dhòmhnaill Trump a' fà gail a dreuchd ach an toir seo buaidh air an taghadh? Will the resignation of Kellyanne Conway affect Trump's election prospects?
Tha Kellyanne Conway, Àrd-chomhairlaiche Dhòmhnaill Trump, a' leigeil dhith a dreuchd. Cluinnidh sinn bho Mhìcheal MacAoidh dè a' bhuaidh a bheir seo air à m an taghaidh?
Tha coltach nuair a chaidh am Prìomhaire Boris Johnson air saor laithean a' campachadh anns A' Chomraich thug e leis pìle de leabhraichean. Nam measg bha leabhar an fheallsaniche Titus Lucretius Carus. Mìnichidh an saidhg-eòlaiche Dòmhnall Macleòid cò a bh' ann a Lucretius agus dè seòrsa feallsanachd a bh' aige.
Chaidh co-labhairt a chumail an t-seachdain 'sa chaidh airson croitearan òga. Airson a' chiad uair riamh chaidh a' choinneamh a chumail tro cheanglaichean coimpiutaireach le trì fichead neach a’ gabhail pà irt. An e seo an t-shlighe air adhart agus a bheil teiceòlas a’ ciallachadh gu bheil daoine ìga nas deònaich a dhol an sàs ann an croitearachd? Gheibh sinn beachd dithis a ghabh pà irt anns a' cho-labhairt, Pà druig Moireasdan agus Sam Dòmhnallach.
Agus tha Aonghas Pà druig Caimbeul a' toirt sùil air dè bha dol an t-seachdain seo ann an eachdraidh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 25 Aug 2020 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 25 Aug 2020 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal