Main content

John Urquhart guides learners through some of the intricacies of the Gaelic language.
Prògram airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig còmhla ri Iain Urchardan.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In this week's programme, Catriona Murray introduces beginners to some conversational Gaelic and Linda Macleod shares common phrases and vocabulary that can be used in everyday situations. More advanced learners can benefit from grammar advice from resident expert Dr Michel Byrne and a look at some of the vocabulary and useful phrases that appear in a recent Gaelic news story. Also in this week’s programme, Ishbel Murray chats to Ruth McAlpine who shares her experience of learning Gaelic.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Anns a' phrògram an-diugh, bidh Catrìona Mhoireach a’ toirt seachad beagan Gàidhlig shìmplidh airson luchd-tòiseachaidh agus bidh Linda NicLeòid a’ toirt sùil air abairtean agus faclan feumail a ghabhas cleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean. Airson luchd-ionnsachaidh a tha aig ìre nas adhartaiche, bidh cothrom ann èisteachd ri criomag à tasglann Radio nan Gàidheal, le mìneachadh air cuid de na puingean cànain a tha a’ togail ceann innte; bidh an t-eòlaiche againn, an t-Ollamh Michel Byrne a’ cur a’ phròsbaig air gràmair; agus bidh sinn a’ toirt sùil air aithris naidheachd Ghàidhlig a chualas bho chionn ghoirid agus air cuid dhe na h-abairtean agus faclan a tha a’ nochdadh innte. Cluinnear cuideachd còmhradh eadar Iseabail Mhoireach agus neach-ionnsachaidh na seachdain, Ruth NicAlpainn.

Available now

54 minutes

Last on

Sun 25 Oct 2020 10:30

Broadcasts

  • Sun 9 Aug 2020 21:30
  • Wed 12 Aug 2020 12:00
  • Wed 12 Aug 2020 22:30
  • Sun 16 Aug 2020 10:30
  • Sun 18 Oct 2020 21:30
  • Wed 21 Oct 2020 12:00
  • Wed 21 Oct 2020 22:00
  • Sun 25 Oct 2020 10:30

Podcast