Dealbh chluich Albannach
An dealbh chluich The Tailor Of Inverness ri ùr fhaicinn air Vimeo. A review of the play The Tailor of Inverness. bbc.co.uk/feasgar
Gach Diluain tha sinn a' faighneachd do dhaoine dè na rudan as fheà rr a chòrd riutha air a’ mhìos a chaidh seachad, eadar podcastan, prògraman reidio, telebhisean is eile. An-diugh tha Alasdair MacCaluim còmhla ri Cathy agus am measg na tha e air a bhith a' leantainn tha Murder Calls, sreath poilis Àstralianach a rinneadh bho chionn fichead bliadhna.
Gheibh sinn beachd air an dealbh chluich The Tailor of Inverness a bhios ri ùr fhaicinn air Vimeo bhon an-diugh fhèin. Tha an companaidh teà tar Albannach Dogstar air seo a dheanamh seach gu bheil daoine glaiste nan dachaighean. Tharraing an dealbh-chluich cliù bhon New York Times nuair a bha e ri fhaicinn sa bhaile an sin bho chionn beagan bhliadhnaichean agus a-rithist air chuairt an Alba an uiridh. Tha e air a sgrìobhadh le Matthew Zajac mu beatha athair agus e air a thighnn a dh' Inbhir Nis às a Phòlainn an dèidh an Dà rna Cogaidh.
Agus ged nach deach prìomh fhèis an fhasain, am Met Gala, air chois ann an New York am bliadhna mar is à bhaist, bha gu leòr fhathast a' dol. Cluinnidh sinn bho Anndra MacFhionghuinn mar a chaidh dealbhaichean-aodaich timcheall air cùisean am bliadhna.
Ceòl bho Savoir Adore, Causes, HAEVN, Good Lovelies is eile. www.bbc.co.uk/feasgar
Last on
More episodes
Music Played
-
Savoir Adore
New Moves
-
The Alarm
Close
-
Flo Morrisey & Matthew E White
Look At What The Light Did Now
-
Blossoms
Sunday Was A Friend Of Mine
-
Causes
The Edge Of Something
-
Good Lovelies
I See Gold
Broadcast
- Mon 11 May 2020 12:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal