Leigheas airson an tinneas Lyme
A' cleachdadh Glùineach-Iapanach airson an tinneas Lyme a leigheas. Extracts from Japanese Knotweed are to be used to cure Lyme Disease. bbc.co.uk/coinneach
Tha tuathanaich ann am Breatainn a fàs iomagaineach gu bheil an riaghaltas deònach feòil–circe a tha air a nighe ann an chlorine a cheannach a-steach dhan dùthaich nuair a thèid Còrdadh Malairt aontachadh le Ameireagaidh. Mìnichidh Murchadh Peutan dè seòrsa stuth a th’ ann an Chlorine agus dè an cron a tha ann.
Chaochail Seann Cheann Suidhe na h-Èipheit Hosni Mubarak an-dè. Innsidh Iain Mac a’ Phearsain dhuinn dè an dìleab eachdraidheil a dh' fhà g Mubarak.
Cluinnidh sinn bho Raonaid Nic an Tà illeir mun a' chleachdadh a tha aca ann an Siorrachd Durham geama ball-coise a chluich air Dimà irt Inid.
Tha Glùineach-Iapanach ga chleachdadh airson Tinneas Lyme a leigheas. Tha Calina NicDhòmhnaill ag innse dè an seòrsa lus a tha ann Glùineach-Iapanach no Japanese Knotweed.
A bheil Bogsadh ann am Breatainn air togail fhaighinn air sgath agus gun do rinn Tyson Fury a’ chuis air am bogsair Ameireaganach Deontay Wilder oidhche Shathairne sa chaidh. Gheibh Niall Iain Dòmhnallach beachdan bho dhithis a tha a' leantainn an spòrs, Ailig Moireasdan agus Iain Aonghas Dòmhnallach. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Wed 26 Feb 2020 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 26 Feb 2020 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal