Main content
Sorry, this episode is not currently available

A bheilear a' milleadh Dùn Èideann?

Tha meadhan baile Dhùn Èidinn trang fad na bliadhna. Ach a bheil seo a’ cur cais air na tha fuireach ann? Are the endless events in Edinburgh city centre too much for residents?

Tha farpais nan Deamocratach ann an Ameireaga a’ dol am meud – agus iomadach duine a’ feuchainn ri bhith nan tagraiche son taghadh a’ chinn suidhe 2020. Ach fiù ’s an-dràsta, tha ainmean ùra a’ nochdadh. Còmhla ri Bernie Sanders, Joe Biden, Ealasaid Warren is iomadach neach eile, tha fathannan a-nise a’ dol gu seas Mìcheal Bloomberg. Ach cò e? Tha Mìcheal MacAoidh a’ toirt beachd seachad à Virginia.

Chaidh craobh a lorg ann an New Zealand a bha beò o chionn 40000 bliadhna – agus a dh’fhàs gu aois 1500 bliadhna. Tha e coltach gu bheil fianais an cois na craoibhe air atharrachadh àraid adhbharachadh ann am feachdan magnaiteach na cruinne. Agus tha Murchadh Peutan a’ mìneachadh a' ghnothaich dha Coinneach.

A bheil cus a’ dol ann am meadhan baile Dhùn Èideann? Eadar a’ Bhliadhn’ Ùr agus Fèis Dhùn Èideann, tha meadhan a’ bhaile loma-làn. Ach a bheil seo a’ cur cais air na tha fuireachd ann? Cluinnidh sinn bho thriùir de mhuinntir a' bhaile: Ruairidh Dòmhnallach, Elspeth Turner agus Mairead NicSuain.

Agus dè dìreach a bh’ anns an airgead didseatach OneCoin? Agus carson a tha e air rannsachaidhean eadar-nàiseanta, casaidean foill agus connspaid gu leòr adhbharachadh chun a’ latha an-diugh? coinneach@bbc.co.uk

57 minutes

Last on

Tue 19 Nov 2019 09:00

Broadcast

  • Tue 19 Nov 2019 09:00