Main content
Sorry, this episode is not currently available

A bheil na pàipearan air leum dhan linn didseatach?

A bheil pàipearan naidheachd air feadh an t-saoghail a-nis anns an linn dhidseatach? Have newspapers across the globe finally leapt into the digital age? coinneach@bbc.co.uk

Tha deasaiche ùr aig a’ Financial Times, Roula Khalaf. As dèidh ceithir bliadhn’ deug aig an stiùir tha Lionel Barber a’ fàgail, bliadhnaichean nuair a tha na dùbhlain didseatach air a dhol am meud dha na pàipearan naidheachd. Ach an-diugh, tha podcast, làrach-lìn, agus meadhanan sòisealta an cois gach pàipear naidheachd. A bheil iad a-nise san linn dhidseatach? Tha Coinneach a’ cur na ceist air Murray MacLeòid agus Murchadh Aonghas MacLeòid.

Cluinnidh sinn bho Dhòmhnall Uilleam Stiùbhart mu na semaphores – agus na dòighean teachdaireachd innse tro bhrataich aig muir a chruthaich am Morair Seòras Moireach ann an 1795.

A thuilleadh air an sin, tha Maureen Nicleòid a’ toirt Coinneach air cuairt sìos a’ Nile airson cuid de na cànain a th’ air am bruidhinn air bràighean na h-aibhne a chluinntinn. An-diugh tha Maureen ag innse mu chànain nan Dinka, nan Nuer agus nam Bari – trì de na treubhan as motha ann an Sudan a’ Deas.

Agus dè dìreach a th’ ann an Scientology? Beachd Dhòmhnaill MhicLeòid air a’ chùis. coinneach@bbc.co.uk

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 14 Nov 2019 09:00
  • Thu 14 Nov 2019 21:00