Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a bha cuid agaibh a' comharrachadh Oidhche Shamhna

Sùil air clàr ùr a chaidh a' sgaoileadh an-diugh fhèin airson airgead a thogail airson Clann ann an Èis. A look at the new Children in Need album released today. bbc.co.uk/aileag

Tha Ruairidh air ais còmhla ribh agus am measg na th’ aige dhuibh an t-seachdain 's:

Reasabaidhean milis no dhà airson pàrtaidhean Samhna, clàr ùr Clann ann an Èis agus sreath ùr David Attenborough.

Eachdraidh Guy Fawkes, comhairle mu shàbhailteachd agus mar chomharra air an oidhche sin tha cuid de na h-òrain ag ainmeachadh cleasan teine agus teintean fhèin. bbc.co.uk/aileag

57 minutes

Last on

Sat 2 Nov 2019 12:00

Buill Popcorn

Buill Popcorn

Buill Popcorn: Reasabaidh

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô:

50g popcorn saillte

25g ìm

50g marshmallows bheaga

Mu 50g suiteis bheaga seòclaid leithid smarties

Mu 50g suiteis slaman-milis

Mu 25g sùilean a ghabhas ithe

25g pretzels air an còmhdach le seòclaid geal (air an gearradh)

¶Ùò¾±²µ³ó:

1. Leagh an t-ìm agus na marshmallows còmhla ann am pana meadhanach. Cuir timcheall a h-uile càil gus am bi e air a leaghadh còmhla.

2. Cuir am popcorn ann am bobhla agus measgaich còmhla ris na marshmallows air an leaghadh.

3. Leig leis fuarachadh beagan agus an uair sin cuir a-steach leth de na suiteis. 

4. Dèan deich pìosan a-mach às a’ mheasgachadh agus an uair sin, roinn na pretzels anns gach pìos agus cruthaich nam buill. Ma tha iad ro steigeach, faodaidh sibh miotagan a chleachdadh.

5. Cuir na suiteis agus na sùilean a tha air am fàgail anns gach bàlla agus fàg iad airson mu uair a thìde mus ith sibh iad.

Broadcasts

  • Fri 1 Nov 2019 14:00
  • Sat 2 Nov 2019 12:00