Main content
Sorry, this episode is not currently available

Carson a tha Iapan a' cluich rugbaidh?

Carson a tha muinntir Iapan cho dèidheil air rugbaidh? Why are the Japanese such fans of rugby? bbc.co.uk/coinneach

Tha Coinneach MacÌomhair air ais sa chathair an-diugh, is e a’ cluinntinn mar a tha muinntir na Frainge a’ dèanamh luaidh air seann cheann-suidhe na dùthcha, Jacques Chirac, a chaidh a thiodhlacadh an-dè. Ach carson a tha meas cho mòr aig na Frangaich air? Tha Seònaid Boydell air a’ loidhne à Paris, far a bheil gu leòr bruidhinn fhathast ga dhèanamh air dìleab Chirac.

Air taobh eile a’ Chuain Shiar tha Mìcheal MacAoidh a’ mìneachadh gu dè a th’ air cùl connspaid eile anns an Taigh Gheal – co-cheangailte ri mac Joe Biden, an Ucràin, agus còmhradh air a’ fòn eadar Trump agus ceann-suidhe na Ucràin.

Tha Màiri Nic Mhathain ag innse beagan mun dùthaich sa bheil sgiobannan rugbaidh bho air feadh an t-saoghail an-dràsta: Iapan. Eucoltach ris a’ mhòr chuid de dhùthchannan Àisianach, tha Iapan gu math dèidheil air rugbaidh. Ach saoil carson?

Agus tha an Dr Aonghas MacCoinnich a’ mìneachadh cuspair a bha mar bhun-stèidh air òraid a ghabh e anns an Rubha ann an Leòdhas an t-seachdain sa chaidh: mar a fhuair Clann ’icChoinnich smachd air Leòdhas ann an 1610. Dè an seòrsa riaghladh agus stiùireadh a thugadh do Leòdhas anns an 17mh linn? bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Tue 1 Oct 2019 21:00

Broadcasts

  • Tue 1 Oct 2019 09:00
  • Tue 1 Oct 2019 21:00