An gabh drochaid a thogail eadar Alba agus Èirinn a Tuath?
An gabh drochaid a thogail eadar Alba agus Èirinn a Tuath? Is it feasible to build a bridge between Scotland and Northern Ireland? bbc.co.uk/coinneach
Chan e beachd ùr a th'ann drochaid a thogail eadar Alba agus Èirinn a Tuath ach tha e air nochdadh ann an aire dhaoine a-rithist as dèidh aithrisean gun robh am prìomhaire Boris Johnson air a shon. Tha e coltach gu bheil rannsachaidhean a' dol air adhart taobh a-staigh an Riaghaltais a thaobh na cosgaisean agus na dùbhlain a bhiodh an lùib pròiseact dha leithid. Tha an t-eòlaiche-innleadaireachd Murchadh Moireach a’ beachdachadh.
Cuideachd tha Ailig MacArtair agus Calum Moireasdan, dithis a tha fuireach taobh thall an t-sruth, ag innse dè tha muinntir Èirinn a Tuath a' smaoineachadh mu dheidhinn ceangail maireannach a' stèidheachadh eadar an dà dhùthaich.
Se Dominic Cummings ainm air a bheil sinn air fàs gu math eòlach co-cheangailte ri Brexit - bhon reifreann chun an t-suidheachaidh a tha ann an drà sta. Ach cò e agus carson a tha e air cuireadh fhaighinn a bhith aig cridhe na tha dol taobh a-staigh 10 Srà id Downing? Tha Anna Nicleoid a’ toirt iomradh air an duine chonnspaideach seo.
Agus tha Domhnall Dòmhnallach agus Iain MacIlleathain gar n 'oideachadh mu dheidhinn Sagittarius A*, an toll-dubh as fhaisg air a’ chruinne-cè, agus a' mìneachadh carson a tha i a' soilleireachadh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 17 Sep 2019 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Sep 2019 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal