Main content
Sorry, this episode is not currently available

Prògram sònraichte a chaidh a chlàradh aig Pàirce Bletchley

Prògram sònraichte bho Pàirce Bletchley far an robhas a briseadh chòdan dìomhair. A special programme from Bletchley Park which played a major role in World War 2.

Tha Coinneach an-diugh aig Pàirce Bletchley ann am Milton Keynes far an deach obair chudromach a dhèanamh tro bhliadhnaichean an Dàrna Cogaidh.

Tha ceud bliadhna ann bho chaidh an t-Seirbheis Fiosrachaidh Dìomhair a steidheachadh an toiseach anns an Rìoghachd Aonaichte. Bha an obair an toiseach ann an Lunnainn agus an uairsin tro bhliadhnaichean an Dàrna Cogaidh, ghluais iad gu Pàirce Bletchley.

Am measg an iomadh neach a bha ag obair ann bha Alan Turing, Mavis Batey (Lever,) Dilly Knox agus Bill Tutte. An dùbhlan a bh’ aca se teachdaireachdan dìomhair nan Gearmailtich a leughadh agus am fiosrachadh a sgaoileadh cho luath agus a b' urrainn dhaibh gu na Feachdan Caidreabhach.

Bha faisg air 10,000 neach ag obair ann am Pàirc Bletchley thairis air bliadhnaichean an Dàrna Cogaidh agus se boireannaich anns na Wrens, an ATS agus an WAAF a bh' anns a chuid mhòr dhiubh.

Chaidh an obair a rinneadh aig Bletchley a chumail dìomhair gu meadhan na seachdadan. Cha robh cead aig neach sam bith a bha ag obair ann innse mu chàil sam bith a bha iad a' dèanamh.

A-nis tha an obair sònraichte aca ga cuimhneachadh agus tha cothrom aig daoine tadhail air an àite airson faighinn a-mach mun iomadh dòigh anns deachaidh aca còdan nan Gearmailtich obrachadh a-mach.

Còmhla ri Coinneach a' faighinn sealladh iongantach air Pàirce Bletchley tha Tommy MacAsgaill agus Iain Alasdair Moireach. coinneach@bbc.co.uk

57 minutes

Clip

Broadcasts

  • Tue 27 Aug 2019 09:00
  • Tue 27 Aug 2019 21:00