Main content
Sorry, this episode is not currently available

An troimhe chèile phoilitigeach aig cridhe riaghaltas co-bhanntachd na h-Eadailt

Dè an troimhe chèile phoilitigeach a tha aig cridhe riaghaltas co-bhanntachd na h-Eadailt? What is the political feud at the heart of Italy's coalition government about?

Tha riaghaltas co-bhanntachd na h-Eadailt ann an staing phoilitigeach a dh'fhaodadh taghadh coitcheann adhbharachadh. Tha prìomhaire na dùthcha, Giuseppe Conte, air a dhreuchd a leigeil dheth as dèidh dha ionnsaigh a thoirt air a cho-obraiche, Matteo Salvini, ann an òraid fhiadhaich, feargach anns an Senate. Tha mi-chinnt ann mu dè thachras a-nis agus cluinnear bho Niall Mitchison mun t-shuidheachadh agus ciamar a thàinig cuisean gu na h-ire seo?

Chan eil fhada bhon a chaidh iomradh a' dhèanamh air obair-cruinneachaidh Frangag Tolmie aig A’ Chòmhdhail Cheilteach ann am Bangor sa Chuimrigh. Am measg a bha an làthair airson bruidhinn mu deidhinn bha Kenna Chaimbeul, Màiri Anna NicUalraig agus Priscilla Scott - triùir a tha mion-eòlach air beatha a’ bhana-Sgitheanaich chliùitich.

Agus a' leantainn oirnn leis an t-sreath air Abaidean, tha Coinneach an-diugh anns na Crìochan is e a' tadhal air Abaid Mhaol Rois còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 22 Aug 2019 09:00
  • Thu 22 Aug 2019 21:00