Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fichead bliadhna bho fhuair WiFi comharra-malairt

Taisbeanadh fasan dhan h-uile duine aig Taigh tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Fashion for all types at the National Museum of Scotland.

Tha WiFi a’ comharrachadh fichead bliadhna bho chaidh an comharra-malairt aca a chruthachadh. Thèid sinn air ais ann an tìm gus cuimhneachadh air ais gu làithean dial-up agus co ris a bha sin coltach? Agus tha sinn a' còmhradh mun bhuannachd a thàinig an cois WiFi, agus ged nach dèanadh sin an gnothach as aonais, carson a tha a leithid de thrioblaidean na chois.

Bho chionn beagan sheachdainean bha mòran againn air ar sgràthachadh a’ coimhead a’ phrògram telebhisean Panorama agus iad a’ sgrùdadh tuathan bhradain ann an Alba. Bha mòran cheistean gan togail air a’ phrògram leithid nam measg mar a tha am bradan air àrach. Thug iad sùl cuideachd air na ceimigean a thar a’ cleachdadh airson an dìon bho ghalairean mar mialan-mara agus an cron a tha seo a’ dèanamh air a’ mhuir.
Chan e seo ge-tà a’ chiad turas a tha sinne, ann am Breatainn, air a bhith na mothachail air a’ bhiadh a tha nochdadh air na truinnsearan againn. Tha sinn air sgeulachdan mar seo a chluinntinn iomadh turas thairis nam bliadhnaichean. Ach an robh buaidh mhaireannach aig gin aca? An do rinn e diofar a thaobh dè tha sinn ag ithe agus a thaobh mar a tha beathaichean air an àrach. Tha Calum Iain Bartlett air a bhith a’ rannsachadh.

Thadhail Megan Dale agus Cathy air an taisbeanadh Body Beautiful a thathar a’ sealltainn aig Taigh- tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha an taisbeanadh seo a’ sealltainn fasain a tha freagarrach airson a h-uile cumadh, beag no mòr no meadhanach. bbc.co.uk/feasgar

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 20 Jun 2019 12:30

Music Played

  • Nora Collins

    Strings

  • Birdy

    Keeping Your Head Up

  • Taylor Swift

    You Need To Calm Down

  • Katy Perry

    Never Really Over

  • Madonna

    Vogue

    • (Single).
    • Sire.

Broadcast

  • Thu 20 Jun 2019 12:30