Main content
Sorry, this episode is not currently available

Huawei, Sìona agus obair-brathaidh an Iar

A bheil Huawei a’ cur co-obrachadh brathaidh Bhreatainn ann an cunnart? Do questions surrounding Huawei put British intelligence co-operation under threat? coinneach@bbc.co.uk

Tha Breatainn ainmeil airson a h-obair brathaidh; eadar MI5 agus GCHQ, tha barrachd susbaint ann na shaoileadh duine chì James Bond aig na taighean-deilbh. Ach le ceistean mu Huawei agus companaidhean Sìonach a bhith ag obair air bun-structair teicneòlais Bhreatainn, a bheil ar co-obrachadh le dùthchannan eile ann an cunnart air a shàilleibh?

Le ceud bliadhna ann air a’ bhliadhna seo bho bhàsaich seann cheann-suidhe nan Stàitean, Teddy Roosevelt, tha deasbad a’ dol mu dhìleab anns na Stàitean. Ach cò bh’ann dheth? Tha Coinneach a’ gabhail sgrìob dhan tasglann son cluinntinn mu dheidhinn bho Mhìcheil MacAoidh ann an Ameireaga.

Cluinnidh sinn cuideachd bhon saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid mu dhìlseachd agus gabhail òrdughan, na shreath mu leasachadh saic-eòlais thar nam bliadhnaichean.

Agus tha sinn a’ cluinntinn mu na dìtheanan beaga gorma a tha cho àlainn nar liosan – ged nach eil iad, mar a thuirt cuid, an cunnart a dhol a-mach à bith ann. ’S iomadh ainm a th’ air bròg na cuthaig, no fuath-mhuc no am flùran-cluigeanach – no am bluebell, mar a chanas iad sa Bheurla. coinneach@bbc.co.uk

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 8 May 2019 09:00
  • Wed 8 May 2019 21:00