04/04/2019
A' comharrachadh 70 bliadhna de NATO. Marking the 70th anniversary of NATO.
Tha e 70 bliadhna on a chaidh NATO a steidheachadh. Cluinnidh sinn bho Torcuil Crichton agus Niall Mitchison mu eachdraidh na buidhne, suidheachadh an là an-diugh agus na dubhlain as motha a tha mu choinneamh am buidheann dìon roinneil as cumhachdach san t-saoghal.
Chaidh fhoillseachadh gur e "Reiwa" an t-ainm a bhios air an ath linn impireil ann an Iapan - linn ùr a bhios a' toiseachadh nuair a leigeas an Impire Akihito seachad a dhreuchd a dh' aithghearr. Innsidh Steaphan Risnidh cò às a tha an t-ainm a' tighinn agus dè bhuaidh a th' aig an Impire air beatha-laitheil mhuinntir Iapan.
Gheibhear iomradh bho Ruairidh MacSuain air laghan connspaideach a theid a chuir an gniomh ann am Brunei, agus na peanasachaidhean cruaidh a bhios nan luib.
Agus minichidh Murchadh Peutan dhuinn mu theicneòlas ùr a tha comasach air CO2 a' ghlagadh as an aidhear agus a chuir gu feum mar chonnadh.
bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 4 Apr 2019 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Thu 4 Apr 2019 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal