Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cuin a tha thu nad inbheach leis an saic-eòlaiche Dòmhnall Macleòid.
When do you become an adult, with psychologist Donald Macleod.

Tha luchd-saidheans a bhios a' sgrùdadh an eanchainn den bheachd gur ann sna 30an a tha duine a' ruighinn ìre inbheach. Mìnichidh an saic-eolaiche Dòmhnall Macleòid mar a tha cultur agus gnothaichean sòisealta cuideachd a' toirt buaidh.

Tha Emma Haruka Iwao à Iapan air àireamh pi obrachadh a-mach gu 31 trillean figear, rud a bh' aig 22 trillean roimhe seo. Tha sinn ag ionnsachadh mu pi ann an clasaichean Matamataig san sgoil, ach dè dìreach a th' ann agus dè am feum a th' ann nar beatha làitheil? Chaidh Coinneach air ais dhan sgoil far an d' fhuair e leasan bho Sarah Fhearghasdan, neach-teagaisg Matamataig.

Tha Ceann-suidhe Kazakhstan air a dhreuchd a leigeil dheth an dèidh 30 bliadhna aig an stiùir. Carson a mhair e cho fada agus ciamar a thèid a chuimhneachadh? Cluinnidh sinn bho Murchadh Aonghas Macleòid, eòlaiche na sgìre.

Agus le Alba a' cluich an-aghaidh sgioba Khazakhstan ann an cuairt dearbhaidh Eòrpach, ciamar a tha luchd-leantainn na h-Alba a' faireachdainn mun gheama agus mun chothrom a th' aca adhartas a dhèanamh? coinneach@bbc.co.uk

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 21 Mar 2019 09:00
  • Thu 21 Mar 2019 21:03