A bheil an Stà it Ioslamach fhathast cunnartach?
Le na bailtean a bha fo am smachd air an saoradh, a bheil IS a-nise air call?
With those areas once under their control liberated, has IS lost the war?
Tha feachdan Kurdach ann an Syria ag rà dh gu bheilear air là imh an uachdar fhaighinn air IS mu dheireadh thall. Tha Iain Mac a' Phearsain a' toirt sùil air an naidheachd sa dhuinn an-diugh agus a' faighneachd a bheil IS fhathast nan cunnart?
Tha am Prionnsa Teà rlach agus Camilla, Bana-Dhiùc na Còirne air a bhith a' tadhal air Cuba, a' chiad turas a tha Teaghlach Rìoghail Bhreatainn air turas oifigeil a chur air dòigh chun na dùthaich. Am measg na bha iad a' dèanamh san dùthaich, bha iad aig seirbheis cuimhneachaidh airson a' bhà rd José Marti. Tha Calum Iain Bartlett ag innse dhuinn mu bheatha José Marti.
Am measg nan còmhraidhean a tha a' dol an drà sta ann an Taigh nan Cumantan a thaobh Brexit, thathar air a bhith a' bruidhinn air Bhòtaichean Taisbeanach a chleachdadh, a bheireadh beachd dhuinn air mar a bhòtadh Buill Pà rlamaid. Tha Anna NicLeòid còmhla rinn airson mìneachadh dè dìreach a th' ann am Bhòtaichean Taisbeanach.
Agus tha Coinneach Mac a' Ghobhainn cuideachd a' cluinntinn bho thriùir a tha gu math dèidheil air ruith. Dè an diofar a th’ ann eadar a bhith ann an rèis air rathaidean còmhnard agus frith-rathaidean air an tuath?
bbc.co.uk/Coinneach
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 26 Mar 2019 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 26 Mar 2019 21:0391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal