Main content
Sorry, this episode is not currently available

Gàidhealtachd Dhùn nan Gall agus Dreag ann an Ùig

Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn sa chathair le cuspairean eadar Algeria agus Dùn nan Gall.
Coinneach Smith presents the programme on topics from Algeria to Donegal.

Chan e rud ùr a th’ ann an staing poilitigeach san t-saoghal Arabach, ach tha troimh-chèile dha-rìribh ann an Algeria an-dràsta. Le muinntir na dùthcha a’ caismeachd airson seann cheannard na dùthcha atharrachadh, tha Maureen NicLeòid a’ mìneachadh dè th’ air cùl na connspaid.

Cuideachd an-diugh tha Aonghas Dòmhnallach a’ toirt sùil air dreagan – clachan a tha a’ tuiteam gu talamh às na speuran. Le NASA ag ràdh gun do sprèidh tè mhòr os cionn na Ruis san Dùbhlachd, dè dìreach a th’ unnta? Cluinnidh Coinneach cuideachd mu cheistean co-cheangailte ri dreag a thuit – neo nach do thuit – ann an Ùig Leòdhais ann an 1959.

Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach ag aithris air mar a dh’fhaodadh companaidhean teicneòlais stad a chur air bhidiothan ceannairc air na meadhanan sòisealta.

Agus beachdan bho dithis Ghàidheal ann an Dùn nan Gall, an Èirinn air co ris a tha cùisean coltach air a’ Ghàidhealtachd as fhaide tuath sa phoblachd agus ciamar a tha suidheachadh eacanomaigeach, cànain, is sluaigh nan Gàidhealtachdan Èireannach?

bbc.co.uk/Coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Tue 19 Mar 2019 09:00
  • Tue 19 Mar 2019 21:03