Main content
Sorry, this episode is not currently available

Leine nan Sioux

Sìonaich a’ cur fàilte air bliadhna na muice agus 20 bliadhna bho thill Leine nan Sioux.
Chinese people welcome in the year of the pig and we remember the Sioux Ghost Shirt.

’S ann a-rèir na gealaich a tha na Sìonaich a’ comharrachadh bliadhna ùr agus fad a’ cheala-deug a tha romhainn bidh fèis na bliadhna ùire air a cumail air feadh an t-saoghail. Ach saoil dè a bhios na Sìonaich a’ dèanamh aig an àm seo? Cluinnidh Coinneach bho Law Chi-Yan, fear òg Sìonach a tha an-dràsta na oileanach ann an Glaschu le làn a chinn de Ghàidhlig.

Air taobh eile an t-saoghail tha fichead bliadhna bho thill Lèine Taibhse nan Sioux a dh’ Ameireaga. Chaidh an lèine sa a cumail ann an Glaschu son faisg air ceud bliadhna ach chaidh a tilleadh gu na tùsanaich às dèidh iomairt air an dà thaobh dhen Chuan a’ Siar. Cluinnidh sinne mar a bha Iain Mac na Ceàrdaich a’ bruidhinn air aig an àm, agus a bheachdan air san latha an-diugh.

Agus tha Alasdair MacLeòid sa chidsin le biadh gu leòr mar as àbhaist. Ach leis gu bheil cuid a’ cur feagal air daoine mu bhiadh ùr nuair a thig Brexit, ciamar a thèid dha truinnsear neo dhà a lìonadh às na canastairean? bbc.co.uk/Coinneach

57 minutes

Last on

Wed 6 Feb 2019 21:00

Broadcasts

  • Wed 6 Feb 2019 09:00
  • Wed 6 Feb 2019 21:00