Tha sinn a’ comharrachadh gu bheil obair dealbhachaidh Bauhaus ceud bliadhna a dh’aois.
Tha sinn a’ comharrachadh gu bheil obair dealbhachaidh Bauhaus ceud bliadhna a dh’aois.
Today we mark the Bauhaus design which is one hundred years old. bbc.co.uk/feasgar
Tha sinn buailteach a bhith a’ cluinntinn mu ‘generation snow flakes’, daoine a rugadh tràth anns na naoidheadan. Tha beachd ann nach eil an ginealach deònach gabhail ri beachdan dhaoine eile agus gu bheil iad cuideachd ana-chinnteach asta fhèin.
Ach a rèir artaigeil a nochd air an deireadh sheachdain tha 37% eadar na h-aoisean 25 - 34 a-nis ri barrachd air aon obair cosnaidh agus agus tha seo airson iomadach adhbhar.
A bheil an t-àm ann sguir a ghabhail “snow flake generation” orra agus gabhail ris gur iad ga-rìreabh an “side hustle generation”? A bheil sinn air a bhith a’ dèanamh dìmeas orra?
Tha Freya NicLeòid na h-oileanach a’ sgrùdadh obair dealbhachaidh dhachaighean agus tha i ag innse dhuinn mun stoidhle Bauhaus a nochd an toiseach anns a’ Ghearmailt bho chionn ceud bliadhna air ais. ‘S ann bho Bauhaus a thànaig an gnè ùr-nòsach ann am fasan dhachaighean agus obair dealbhachaidh aodaich.
‘Se creutairean iongantach a th’ ann an ialtagan le cuid a dhaoine dèidheil orra agus feadhainn eile gu dearbh nach eil. Ach tha na h-ialtagan ann an Astràilia a-nise ann an droch staid agus an aimsir theth air milleadh uabhasach a dhèanamh air àireamh nam beathaichean. Bho chionn grunn mhìosan air ais bha Eòghann MacCoinnich còmhla rinn air a’ phrògram ag innse mu ialtagan Bhreatainn. Seo cothrom eile èisteachd ris a’ chòmhradh a bha eadar fhèin agus Cathy. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
-
Andy Burrows and Matt Haig
Barcelona
-
Nelly Furtado
I'm Like A Bird
-
George Ezra
The Beautiful Dream
- Staying at Tamara’s.
- Columbia.
- 011.
-
Westlife
Hello My Love
- Hello My Love.
- Universal Music Group.
- 001.
-
Kane Brown
91ȱsick
- Experiment.
- 006.
-
Kygo
Happy Now (feat. Sandro Cavazza)
- Happy Now (feat. Sandro Cavazza) - Single.
- Sony Music; Ultra; RCA;.
- 1.
Broadcast
- Tue 22 Jan 2019 12:3091ȱ Radio nan Gàidheal