Am pà irt a bh’ aig Artair Donald anns a’ film ùr Mary Queen of Scots
Am bu chòir uallach a bhith air daoine tha fuireach ann an teanamaintean mu staid nan toglaichean? Should people who live in tenements be worried about the state of the buildings?
Nochd aithris an dè a’ moladh gu bheil feum èiginneach air obair-caraidh is dìon a dhèanamh air togalaichean teanamaintean na h-Alba. Tha na mìltean dhaoine a fuireach anns na dachaigh seo gu h-à raid ann an Glaschu agus ann an Dùn Èideann. Ach se an aois a tha iad a tha nan aghaidh. Am bu chòir dragh a bhith air na ceudan a tha tà mh unnta mun aithris seo? Còmhla rinn air a phrògram, tha an ailtire Mà rtainn Mac a Bhà illidh aig a bheil ùidh sònraichte anns na teanamaintean.
Tha Ionad Sgrìobhaidh Moniack Mhor a tha eadar Inbhir Nis agus a’ Mhanachain, a’ comharrachadh còig thar fhichead bliadhna bhon a dh’ fhosgail an t-à ite an toiseach. Tro na bliadhnaichean tha cuid de na sgrìobhaichean as ainmeil an Alba air tadhal ann, nam measg James Kelman, Carol Ann Duffy, Andrew O Hagan, Edwin Morgan agus Jackie Kay. Cuideachd tha na ceudan de dhaoine air stiùireadh, teagasg is taic fhaighinn ann a bhith a’ cur peann ri pà ipear. An-diugh tha Cathy a’ faighneachd dè bhuannachd a tha an cois cùrsaichean sgrìobhaidh agus dè na sgilean a bhitheas daoine ag ionnsachadh?
Chruinnich rionnagan film aig Caisteal Dhùn Èideann an t-seachdain ’sa, air thoiseach air Mary Queen of Scots, a tha a’ nochdadh anns an taighean-deilbh air an deireadh sheachdain seo. An là thair aig Caisteal Dhùn Èideann, am measg na rionnagan film agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, bha feadhainn a bha an sàs air chùl ghnothaichean gu ìre beag neo mòr a choireigin nuair a bha an dealbh ga tharraing ri chèile. An lùib na feadhainn sin bha Artair Donald , a bha teagasg Gà idhlig do dhithis à Alba. Tha Artair ag innse mun a’ phà irt a chluich e fhèin ann a bhith a’ toirt an dealbh seo gu sgà ileanan. bbc.co.uk/feasgar
Last on
Music Played
-
CHVRCHES
Make Them Gold
- Every Open Eye.
- 004.
-
Grace
You Don't Own Me
- Single.
- Mercury.
- 1.
-
Florence + The Machine
Queen Of Peace
-
Nina Nesbitt
Colder
- The Sun Will Come Up, the Seasons Will Change.
- Cooking Vinyl.
- 3.
-
James Arthur & Anne-Marie
Rewrite The Stars
- The Greatest Showman: Original Motion Picture Soundtrack.
- Atlantic.
- 8.
-
Gavin James
Hearts On Fire
- Only Ticket 91Èȱ¬.
- Warner Music Ireland.
- 5.
-
Rob Calder, Edgar, Ben, Jonathan Hansen, Peter Marin & Passenger
Walls
- The Boy Who Cried Wolf.
- Black Crow Records.
- 004.
-
Dustin Tebbutt
Love Is Blind
- Love is Blind - single.
- Eleven: A Music Company ‎.
- 1.
Broadcast
- Thu 17 Jan 2019 12:3091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal