A’ dèanamh ciall dha briathrachas Bhrexit
Dè tha na facail mu Bhrexit mar “backstop” agus crìochan cruaidh is bog a’ ciallachadh?
What does the Brexit jargon between backstops and hard or soft borders mean?
Cha bheag na facail ùra a tha a’ cuairteachadh fàgail na h-Aonaidh Eòrpaich. Brexit cruaidh no Brexit bog, backstop, fàgail gun aonta is aonadh nan cusbainnean. Ach dè dìreach a tha iad seo a’ ciallachadh? Tha am fear-naidheachd Darren Laing a’ feuchainn ri ciall a chuir air briathrachas Bhrexit.
Cuideachd sa phrògram an-diugh beachd air Harry Redknapp bhuannaich am prògram I’m A Celebrity, Get Me Out Of Here 2018 air ITV. Cò th’ ann an Harry agus ciamar a dh’ fhàs e ainmeil an-toiseach? Cluinnidh Coinneach beagan mun duine mus beachdaich e fhèin agus ceathrar eile air an gabhadh a’ leithid de phrògram a chuir air dòigh ann an Alba. Sulasgeir, Heisgeir, neo Hiort – dè ghabhadh àite na coille son prògram mar seo? Agus cò chuireadh iad ann?
Agus mu dheireadh tha an t-eòlaiche eachdraidh Calum Iain Bartlett ag innse mu chuid de na nithean a chaidh a lorg ann am Mosul, is an Stàit Ioslamach air an sguabadh às a’ bhaile. Chaidh iomadach nì eachdraidheil a lorg fon uaigh aig an fhàidh Iònas a tha ainmeil ann an Crìosdaidheachd son sgeulachd na muice-mara. bbc.co.uk/coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 11 Dec 2018 09:0091ȱ Radio nan Gàidheal
- Tue 11 Dec 2018 21:0091ȱ Radio nan Gàidheal