Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cò mu dheidhinn a tha na prògraman Dynasties

An-diugh tha Lisa agus Màiri anns a' chidsin a' bèicearachd aran-milis. bbc.co.uk/aileag. Lisa and Marie are in the kitchen baking shortbread. bbc.co.uk/aileag

Air chlàr aig Lisa an t-seachdain seo tha Latha Naomh Anndrais, am prògram telebhisean Dynasties, a dèanamh cairtean Nollaig, anns a' chidsin a' dèanamh aran-milis agus cò an t-aodann a chòrdadh ri cuid agaibh fhaicinn air an t-airgead pàipear ùr luach còigead not.

Am measg a' chiùil tha Biffy Clyro, Twin Atlantic agus Lewis Capaldi. Blas Albannach air a' cheòl air fad an t-seachdain 'sa agus sinn a' comharrachadh Latha Naomh Anndrais. bbc.co.uk/aileag

57 minutes

Last on

Sat 1 Dec 2018 12:00

Cairt pop-up

Cairt pop-up










Na dh’ fheumas sibh:

Pàipear uaine, donn agus buidhe

Confetti ann an cruth bleideagan sneachda no rionnagan

Glaodh

Cairt dhathach

Mar a nì sibh a’ chairt

Cleachd pìos pàipear mu mheud 10cm x 15cm (no meud sam bith eile)

Paisg am pàipear air an taobh as fhaide agus dèan fan cho math agus as urrainn dhuibh (tha còir gum bidh e mu 0.5mm paisgte)

Geàrr am pìos paipear seo ann an còig striopan – 5cm, 4cm, 3cm, 2cm agus 1cm a dh’ fhaid. 

Cruthaichidh sinn a-nis craobh Nollaig leis na striopan airson taobh a-staigh na cairt. Airson bonn na craoibhe, feumaidh sibh pìos pàipear (dath sam bith) a tha meud 3cm x 3cm. An uair sin paisg e na dha leth agus glaodh am pìos seo aig bonn na cairt.

A-nise glaodh na pìosan uaine ann an cruth craoibhe, am pìos as motha aig a’ bhonn agus a’ dol suas mar sin. Feumaidh foighidinn a bhith agaibh airson am pàirt seo, a' dèanamh pìos ma seach.

Geàrr rionnag à pìos pàipear agus a’ cleachdadh glaodh, cuir air mullach na craoibhe e.

Nise on a tha a’ chraobh agaibh deiseil, faodaidh sibh bleideagan sneachda agus rionnagan a chuir timcheall na craoibhe airson beagan sgeadachadh a thoirt oirre.

Cairt Srianach

Cairt Srianach










Na dh’fheumas sibh:


Cairt agus pàipear dathach

Siosar

Glaodh

Pom poms no confetti

¶Ùò¾±²µ³ó:

Tagh an dath a tha sibh ag iarraidh airson na cairt.

Feumaidh sibh poit a’ dheànamh a-mach à pàipear dathach agus tòrr srianagan pàipear airson cruth na craoibhe a dhealbh. Faodaidh sibh an aon dath a chleachdadh airson a' chraobh no tòrr dhathan eadar-dhealaichte, a-rèir ‘s dè tha còrdadh ribh fhèin. 

Feumaidh measgachadh de shrianagan leathain agus cumhaing a bhith agaibh, mar a bhios air craobh Nollaig. Glaodh na srianagan air aghaidh na cairt... chan fheum e bhith cho sgiobalta sin, faodaidh sibh seorsa de zig zag a dhèanamh airson na geugan.

Nuair a tha sin deiseil, faodadh sibh pom poms a chleachdadh airson a’ chraobh a sgeadachadh agus rionnag a ghearradh a-mach à pàipear airson a’ mhullaich. 

Cairtean Nollaig

Cairtean Nollaig

Aran-milis

Aran-milis










³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô
:

8 unnsaichean margarain

4 unnsaichean siùcar còmhdachaidh

4 unnsaichean flùr (cornflour)

8 unnsaichean flùr plèan

½ spàin tì almoin no vanilla (extract)

Rud beag siùcar caster airson còmhdachadh

¶Ùò¾±²µ³ó:

Cuir na grìtheidean air fad ann am bobhla agus measgaich le inneal measgachaidh no le do làmhan gus a bheil a h-uile càil còmhla ann am ball taois

Roilig a-mach e gu mu 2 cm tiugh

Geàrr an taois na phìosan a’ cleachdadh glainne no cookie cutter ann an cumadh a tha sibh ag iarraidh 

Cuir air treidhe agus còmhdaich iad le rud beag siùcar caster agus cuir dhan àmhainn airson mu 20 mionaid aig teas 150C

Cùm sùil orra agus nuair a tha iad air a dhol donn, tha iad deiseil

Cuir a-nis gu aon taobh gus am fuaraich iad

A-nis am pìos as fheàrr, ith iad! 

Broadcasts

  • Fri 30 Nov 2018 14:00
  • Sat 1 Dec 2018 12:00