Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 10

Episode 10 of 10

Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine mìlseanan bhlasta theth. Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share their recipes for hot puddings.

Anns a’phrògram seo tha Griogar agus a charaidean a’ sealltainn dhuinn dè’s toil leotha dhèanamh air latha fuar geamhraidh nuair nach eil nì gad bhlàthchadh mar mìlsean theth. Sna Hearadh tha tè ealanta a’ dèanamh tort ùbhlan sgoinneil phronnagach, agus an Uibhist a Deas tachraidh e air tè aig a bheil cleas seòlta airson mìlsean tofaidh stiogach. Air ais a-staigh nì e fhèin pàidh le sirisean is dearcan gorma, le sgeadachadh brèagha taoise.

Gregor and his trusted bakers and cooks show us the recipes they love to bake on a cold winter’s day when only a warming hot pudding will do.

In Harris, Gregor meets an experienced cook who combines a tart and a crumble into one dish using soft-stewed apples. Then in South Uist, he meets a woman who takes the hassle out of sticky toffee pudding by making her own all-in-one version. Back at home, Gregor makes a cherry and blueberry pie with a decorative pastry topping.

29 minutes

Last on

Tue 15 Aug 2023 19:00

More episodes

Next

You are at the last episode

See all episodes from Fuine

Clip

Am Paidh Shirisean is Gorm-Dhearc aig Griogair

Am Paidh Shirisean is Gorm-Dhearc  aig Griogair

Taois
225g ìm a tha gu math bog
1 ugh
1 bhuidheagan uighe
350g flùr plèan
100g siùcar

Am Paidh
100g silidh shirisean
100ml uisge
½ spàin-tì brìgh faoineige
1 spàin-bùird min-maoise
250g sirisean
250g dearcan gorm
1 spàin-bùird siùcar demerara

Crème fraiche neo iogart airson a chur còmhla ris

Cuir air an àmhainn aig dà cheud Celsius.

An toiseach dèan cinnteach gu bheil an t-ìm blàth, cha mhòr gus leaghadh. Cuir seo ann am bobhla leis a’ bhuidheagan agus an t-ugh slàn. Buail seo ri chèile gu math gus an tèid e am measg a chèile is e mìn, uachdrach.

Cuir ris an t-siùcar agus am flùr agus obraich seo le do làimh. Chì thu gu bheil e deiseil nuair a thig e air falbh bho thaobh a’ bhobhla. 

Geàrr dheth an treas cuid dhen taois agus cuir gu dara taobh i. Rolaig an còrr a-mach eadar dà phìos clingfilm ach am bith e cho tiugh ri not. Cuir seo ann an soitheach paidh 10 òirlich agus brùth e sìos gus nach bi builgein aer ann. Fill na h-oire le do chorraig mus toir thu dha suathadh de ghealagain uighe.  Bruich am paidh falamh son dhà na trì mhionaidean.

Rolaig a-mach an còrr dhen taois a chur thu gu dara taobh eadar dà phìos clingfilm agus cuir dhan fhuaradair e.

Airson an lìonadh leagh an t-silidh agus an t-siùcar còmhla mus cuir thu ann am min-maoise air a mheasgachadh le drùdhag bheag uisge. Ris a sin cuir am brìgh is na measan agus cuir mun cuairt. Dòirt seo dhan chèise phaidh.  

Airson mullach na paidh bheir a-mach am pìos taoise eile bhon fhuaradair agus geàrr i na pìosan fada caol taoise. Sìn iad seo air muin a lìonadh le cumadh snìomhach neo ann an cumadh sam bith a chòrdas riut. Suath am paidh le beagan uighe air a bhualadh, agus crath siùcar ruadh air.

Bruich san àmhainn aig 200C airson 20 mionaid.  Às dèidh sin cuir teas na h-àmhainne sìos gu 180C agus bruich airson 20 mionaid eile.

An Tort Ùbhlan Phronnagach aig Màiri

An Tort Ùbhlan Phronnagach aig Màiri

Taois
6 unnsa flùr plèan
2 unnsa flùr a dh’èireas
2 unnsa siùcar còmhdach
4 unnsa ìm
1 buidheagan uighe
1 spàin-bùird sùgh liomaine

³¢Ã¬´Ç²Ô²¹»å³ó
4 ùbhlan ithe (air an rùsgadh is air an gearradh)
1½ caineal
2 unnsa siùcar mìn

Còmhdach phronnagach
8 unnsa flùr plèan
6 unnsa siùcar mìn
4 unnsa ìm

Airson na taoise cuir am flùr gu lèir agus an t-siùcar còmhdach tro shìolachan ann an inneal-measgachaidh. Cuir ann an t-ìm agus cuir mun cuairt ach am bi e coltach ri mìrean arain. Buail an t-ugh agus an t-sùgh liomaine ri chèile agus dòirt dhan inneal-measgachaidh beag air bheag – dìreach gu leòr airson a thoirt ri chèile na bhall. Rolaig an uairsin an taois gus an lìon i air soitheach 9 òirlich tarsainn. Sgioblaich.   

Bruich na h-ùbhlan ann am pana le 2 spàin-bùird uisge, an t-siùcar agus a’ chaineal airson 5 mionaidean.

Airson a chòmhdach phronnagach cuir ri chèile am flùr agus an t-siùcar agus suath an t-ìm a-staigh. Ach am bi e coltach ri mìrean arain.

Mu dheireadh dòirt na h-ùbhlan dhan chèis taoise agus crath a chòmhdach phronnagach air am muin.

Bruich san àmhainn aig teas 150C airson leth uair.   

Am Mìlsean Seunta Ùbhlan Tofaidh aig Fiona

Am Mìlsean Seunta Ùbhlan Tofaidh aig Fiona

85g ìm air a leaghadh
140g flùr a dh’èireas
100g siùcar mìn òr
1 spàin-bùird pùdair fuine
200ml bainne
1 ugh air a bhualadh
1 spàin-tì brìgh faoneige
2 ubhal còcaireachd 
140g siùcar dorcha ruadh
50g cnòthan pecan air an gearradh

An toiseach rùisg na h-ùbhlan agus geàrr ann an slisean tana iad. Cuir ann am bonn soitheach 2L iad.

Ann am bobhla eile cuir am flùr, an t-siùcar, am pùdair fuine agus craiteachan salainn tro shìolachan.

Ann am bobhla eile tha an t-ìm, am bainne, an t-ugh agus am brìgh ga chur ri chèile. Cuir seo uile mun cuairt le na nithean tioram agus buail iad gus am bith e uachdrach. Dòirt air muin nan ubhal.

Ann an siuga leagh an t-siùcar le 250ml uisge goileach. Dòirt seo air muin a mhìlsean agus sgap na cnòthan air uachdar.   

Bruich san àmhainn aig teas 180C airson 40 mionaid.  


Credits

Role Contributor
Presenter Gregor Macleod
Production Manager Sajid Quayum

Broadcasts

Reasabaidhean - Sreath 8

Reasabaidhean - Sreath 8

Na reasabaidhean bhon t-sreath ùr.

A' Fuine le...

Series in which Mairi MacRitchie meets some of the country's best bakers.