Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sùil air a’ phlanaid Mercury

Cò ris a tha Mercury, am planaid as fhaisge air a’ ghrian, coltach? bbc.co.uk/coinneach
What is Mercury, the planet closest to the sun in our solar system, like?

’S iomadh oidhirp a tha mac an duine a’ dèanamh an-diugh gus ionnsachadh mu na planaidean a tha a’ cuairteachadh na grèine. Ach a dh’aindeoin linntean bhon a thog sinn ar cinn gu na speuran, tha sinn fhathast nas aineolaiche na mhiannaicheadh sinn. Na bu tràithe air a’ mhìos chuir an Roinn Eòrpa agus Iapan dà shaideal air rocaid a dh’ ionnsaigh Mercury,am planaid as fhaisge air a’ ghrian. Ach cò ris a tha am planaid bheag seo coltach? Tha Iain MacIlleathain air a bhith a’ rannsachadh na cùise.

Cuideachd sa phrògram an-diugh tha an Dotair Ruairidh MacIlleathain ag innse mu rannsachadh ùr air eilthireachd às na h-eileanan san 20mh linn. Dh’ fhàg na mìltean mòra na h-eileanan anns na bliadhnaichean sin agus tha an t-Oll. Marjorie Harper air leabhar fhoillseachadh mu sgeulachdan cuid dhiubh sin.

Agus tha Coinneach aig Oilthigh Ghlaschu a’ cluinntinn mu Phròiseact DASG – an Dachaigh Airson Stòras Gàidhlig – bho Abi Lightbody a tha ag obair air seann chlàraidhean Gàidhlig a chur air-loidhne. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Tue 30 Oct 2018 21:00

Broadcasts

  • Tue 30 Oct 2018 09:00
  • Tue 30 Oct 2018 21:00