Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 7

Episode 7 of 10

Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’ fuine le coimeasgadh milis is saillte. Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share sweet and savoury salty recipes.

‘Sa phrògram seo tha Griogar sa charaidean a’ sealltainn dhuinn dè’s toil leotha fuine a tha saillte. Bheir còcaire sgileil san Rubha an Leòdhas deagh leasan dha air mar a nì e pizza paisgte, làn feòil is càise. Ann an Caol Lochaillse se briosgaidean càise tha roimhe, agus chutney làn ùbhlan is fraochagan nan cois. Agus dearbhaidh Griogar fhèin nach eil ‘saillte’ a’ ciallachadh ’mar an t-sàl’- nuair a nì e mìlsean teòclaid le caramail saillte.

Gregor and his trusted bakers and cooks show us their recipes for something salty. He visits a serious foodie in Point, Lewis, who gives him a masterclass on how to make calzone filled with tasty Italian meats and cheese.

In Kyle of Lochalsh, Gregor samples crispy cheese biscuits served with a spicy apple and cranberry chutney. And Gregor demonstrates that salty doesn’t necessarily have to mean savoury with his own salted caramel chocolate puddings.

29 minutes

Last on

Tue 25 Jul 2023 19:00

Na Briosgaidean le Houmous aig Griogair

Na Briosgaidean le Houmous aig Griogair

1 ½ cupa flùr plein
1 ½ cupa flùr donn
2 spàin-tì siùcar
1 spàin-tì salann
2 spàin-bùird Ròs-Màiri
4 spàinean-bùird ola-chruinn-òla
1 cupa uisge
Sìol mealbhag
Salann na mara

Cuir air an àmhainn aig teas 200C.

Ann am bobhla cuir còmhla an dà sheòrsa flùr, an t-siùcar, an t-salann agus an ròs-màiri.

Cuir an ola agus an t-uisge ris agus measgaich seo gus am bith e na thaois bhog, steigeach. Ma tha flùr a chòrr sa bhobhla faodar tuilleadh uisge a chur ann gus am fàg an taois taobh a' bhobhla glan.

Obraich an taois beagan le làimh agus rolaig a-mach i eadar dà phìos pàipear-fuine. Bheir dheth aon phìos dhan phàipear agus crath na sìol agus an t-salann air uachdar na taoise. Cuir air ais am pìos pàipear agus rolaig an taois turas neo dhà eile feuch gu bheil an t-sìol is an t-salann air am bruthadh a-staigh dhan taois.

Geàrr ann an cumadh briosgaidean fada ceart-cheàrnach agus mu dheireadh priogaich le forc iad.

Cuir na briosgaidean dhan àmhainn. Às dèidh faisg air 12 mionaid cuir car dhiubh agus tionndadh sìos teas na h-àmhainne gu 150C. Fàg iad a’ bruich airson cha mhòr còig mionaidean eile.

Tha còir aca a bhith brisg le coltas tarraingeach orra.

Houmous Ghriogair
1 liomaine
Crogan chickpeas
2 spàin-bùird ìm cnòtha-talmhainn
2 clobha creamh
Salann
°¿±ô²¹-³¦³ó°ù³Ü¾±²Ô²Ô-´Ç±ô²¹Ìý

Ann an inneal-measgachaidh cuir rùsg agus sùgh an liomaid còmhla ris a h-uile sìon eile agus na tha dhìth ort de dh’ola-chruinn-ola airson a thoirt dhan tighead a thathar ag iarraidh. Faodaidh e bhi mìn neo nas gairbhe – a rèir do thoil fhèin. Mu dheireadh cuir ann craiteachan salainn agus boinneagan de dh’òla.

Na Rolaichean Isbein aig Donna NicIomhair

Na Rolaichean Isbein aig Donna NicIomhair

Punnd feòil isbein
8 unnsaichean buntàta pronn
1 uinnein air ghearradh mìn
1 spàin-tì pùdair curaidh
1 spàin-tì sabhs tomàtothan
13 unnsaichean taois a dh’eireas (taois na butha!)
Ugh air a bhualadh

Measgaich an fheòil, am buntàta, an t-uinnean, am pùdair curaidh agus an sabhs tomàtothan. Cuir ann cuideachd salann is piobar. ‘S ann le làimh as fheàrr a mheasgachadh.

Sìn a-mach an dà dhuilleag taois air a' bhòrd agus air aon oir cuir suathadh mustard.

Rolaig an fhèoil a-mach na chumadh isbein airson ‘s gum freagair e air meud na duilleig taoise. Cuir an isbein feòile air muin am mustard agus rolaig suas san taois e. Suath beagan uisge ris an oir airson a dhùnadh. 

Sgioblaich na h-oirean agus geàrr ann am pìosan a rèir cho mòr neo cho beag ‘s a tha thu gan iarraidh. Cuir comharra beag leis an sgian ann am mullach gach rolla.

Suath le beagan ugh air a bhualadh.

Bruich ann an àmhainn aig 180C airson leth uair a thìde.

Briosgaidean Càise le Chutney aig Barbara Nic a' Ghobhainn

Briosgaidean Càise le Chutney aig Barbara Nic a' Ghobhainn

An Chutney
375g ùbhlan
125g fraochagan
1 uinnein
100g siùcar
1 spàin-tì dinnsear (mìn)
1 spàin-tì turmeric
1 spàin-tì cumin
1 spàin-tì coriander
1 spàin-tì salann
175ml fìon-geur (leann ubhail neo fìon geal)

Geàrr na h-ùbhlan ann am pìosan meadhanach mòr agus geàrr an t-uinnein gu math beag. Cuir dhan phana iad le na fraochagan, an t-siùcar, na spìosraidhean agus an t-salann. An uairsin dòirt a-staigh am fìon-geur agus cuir mun cuairt. Bruich seo air a shocair airson mu 45 mionaidean gus nach bith tòrr sùgh air fhàgail.

Na Briosgaidean Càise
3 unns ìm
3 unns càise cruaidh air a bhleith m.e. cheddar
8 unns flùr a dh’èireas
1 ugh air a bhualadh
Beagan paprika
Salann

An toiseach cuir ri chèile an t-ìm is am flùr le làimh gus an tèid e coltach ri mìrean arain. Ris a seo cuir salann is piobar is an càise agus cuir mun cuairt. 

Dòirt ann an t-ugh le drùdhag bheag bhainne na luib. Thig seo uile còmhla na thaois. 

Obraich an taois airson mionaid bheag mus rolaig thu a-mach e mu mheudachd 2mm. Geàrr ann an cearcaill mu dhà òirleach agus cuir gach briosgaid air treidhe. Priogaich le forc mus crath thu beagan paprika air uachdar gach briosgaid. 

Bruich san àmhainn aig 140C airson 20 mionaid.

Credits

Role Contributor
Presenter Gregor Macleod
Production Manager Sajid Quayum

Broadcasts

Reasabaidhean - Sreath 8

Reasabaidhean - Sreath 8

Na reasabaidhean bhon t-sreath ùr.

A' Fuine le...

Series in which Mairi MacRitchie meets some of the country's best bakers.