Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè a th' air fàire dha Eaglais na h-Alba?

Le eaglaisean a’ dùnadh ann an Sealtainn, dè a th' air fàire dha Eaglais na h-Alba?
With the closure of churches in Shetland, what is ahead for the Church of Scotland?

Sgaoil Clèir Shealtainn de dh’Eaglais na h-Alba fios gu bheil iad an dùil eaglaisean a dhùnadh agus trioblaidean aca le meud nan Coitheanalan agus àireamhan mhinisteir. Chan e rud ùr a th’ ann an duilgheadasan ministear fhastadh; ach le aon mholadh son fiù 's an clèir fhèin amalachadh le Clèir Obar Dheathain, dè dìreach a tha air fàire dhan eaglais stèidhichte? Gheibh Coinneach beachd bho dhithis mhinistearan – an t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais agus an t-Urr. Ùisdean Stiùbhart.

Cuideachd an-diugh tha sinn a’ cluinntinn mun bhuidheann iomairt Misneachd, a tha a’ strì airson còirichean Gàidhlig. Às dèidh seachdain far an do nochd molaidhean bhuapa – dhan tiotal “Plana Radaigeach airson na Gàidhlig” – cò agus dè a th’ anns a’ bhuidheann?

Gheibh sinn iomradh air eachdraidh-teaghlaich Bashar al-Assad, ceannard Shiria, air a h-innse le Iain Mac a' Phearsain.

Cuideachd cluinnidh Coinneach mu ghaisgeach Nirribheach bhon Dàrna Cogadh, Joachim Ronneberg, a bhàsaich aig an deireadh-sheachdain. B’ e an duine mu dheireadh a bha beò dhen fheadhainn a thug ionnsaigh air pròiseact niùclasach na Gearmailt ann an 1943. Ach cò bh’ ann an Ronneberg agus dè cho cudromach is a bha Ionnsaigh Telemark sa chogadh? Tha Murchadh Peutan ag innse beagan mun eachdraidh.

bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Wed 24 Oct 2018 09:00
  • Wed 24 Oct 2018 21:00