Main content
Sorry, this episode is not currently available

Rathad an t-Sìoda.

Dè bh’ ann an seann Rathad an t-Sìoda agus dè an rathad ùr a tha Sìona a’ togail?
What was the ancient Silk Road and what is the new Silk Road that China is building?

Bha uair ann nuair a bha bathar agus ceannaichean gu leòr a’ gabhail Rathad an t-Sìoda eadar Sìona agus an Roinn Eòrpa. Slighe a mhair airson na ceudan bhliadhnaichean air an robh mòran rudan prìseil agus beachdan eadar-dhealaichte a’ gluasad thairis air seann chrìochan.

’S fhada bhon a thàinig crìoch air latha an rathad sin. Ach an-diugh tha Sìona airson Rathad Sìoda ùr a thogail. Dè bh’ anns an t-seann rathad agus dè th’ air cùlaibh na h-iomairt ùr a tha seo? Gheibh Coinneach facal air dithis eòlaichean aig a bheil ùidh mhòr sa chuspair – Calum Iain Bartlett agus Iain Mac a’ Phearsain.

Cuideachd sa phrògram an-diugh tha Coinneach a’ cluinntinn mu obair agus beatha Sir Ridseard Kao nach maireann, fear a rinn adhartas mòr ann an saoghal an eadar-lìon.

Tha Teàrlach MacIain a’ bruidhinn ri Coinneach à Indonesia, dùthaich a tha a’ fulang gu mòr air sgàth tuil-mara far Eilean Shulawesi. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Wed 3 Oct 2018 21:00

Broadcasts

  • Wed 3 Oct 2018 09:00
  • Wed 3 Oct 2018 21:00