Episode 218
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain sa 100 bliadhna air ais. The events of World War One, this week 100 years ago.
Ann an Serbia, rà inig na feachdan Frangach is Serbianach an Abhainn Vardar air an 21mh den t-Sultain, is iad a’ dlùthachadh air baile Negotin. Thòisich Arm Bhulgà iria a’ cur às dha na stòir agus na h-uidheaman-cogaidh aca is iad ag ullachadh son tarraing air ais às an sgìre, mar a dh'innseas Gilleasbuig MacDhòmhnaill dhuinn.
Ann am Palestine, rà inig Arm Bhreatainn Shechem agus Samaria, a’ putadh Arm na Tuirce air ais anns an da à ite, agus a’ cur mòran phriosanach agus ghunnaichean an greim.
Cuideachd rinn an Fhraing a-rithist adhartas deas air St Quentin, a’ gabhail sealbh air baile Benay. Bhuannaich Breatainn fearann an ear air Epehy air an aon latha, ged a chaidh aig na Gearmailtich air stad a chur orra airson greis an seo.
Ghabh na h-Ameirigeanaich sealbh air Very agus Epionville air an 26mh a’ glacadh 8,000 prìosanach. Thòisich Bà r Canal du Nord agus Cambrai air an 27mh, le na Canèidianaich aig cridhe nan ionnsaighean an sin agus rinn Bulgà iria tagradh oifigeil airson sìth ris na Co-chòmhragaich.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 270918
Duration: 10:00
Broadcasts
- Thu 27 Sep 2018 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Fri 28 Sep 2018 11:5091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal