Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach aig Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann

An treas prògram aig Coinneach bho Rannsachadh na Gàidhlig. The third programme from Rannsachadh na Gàidhlig in Edinburgh. bbc.co.uk/coinneach

Cothrom eile èisteachd ris an treas prògram bho Rannsachadh na Gàidhlig ann an Dun Èideann, co-labhairt a chaidh a chumail aig an oilthigh. Bha Prògram Choinnich an làthair fad na seachdain, a’ bruidhinn ri feadhainn a bha a’ taisbeanadh phàipearan no a bha ag èisteachd is a’ beachdachadh orra.

Am measg nan cuspairean a th’ aige an-diugh, tha an càirdeas eadar eaglaisean clèireach agus a’ Ghàidhlig; seann sgeulachdan Gàidhealach mu dhaoine às a’ Bhìoball nach eil a’ tighinn bhon Bhìoball fhèin; mar a tha pàrantan a’ measadh telebhisean Gàidhlig don cuid cloinne; luchd-ionnsachaidh a bhuineas do theaghlaichean Gàidhealach; agus a’ bhuaidh a th’ air a bhith aig a’ chrìonadh eacanomaigeach air Gàidhealtach na h-Èireann agus na h-Alba.

Gu leòr a chumas Coinneach a’ cnuasachadh! Agus cuimhnich gum faigh sibh air èisteachd ris na prògraman eile a chlàr e aig Rannsachadh na Gàidhlig 2018 aig bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 6 Sep 2018 09:00
  • Thu 6 Sep 2018 21:13
  • Thu 7 Mar 2019 09:00
  • Thu 7 Mar 2019 21:03