Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na Co-fharpaisean Eòrpach ann an Glaschu

Dè th'anns na Co-Fharpaisean Eòrpach a tha air tòiseachadh ann an Glaschu? What are the European Championships that have just begun in Glasgow?

Tha mòran air a bhith anns na naidheachdan an t-seachdain sa mun t-suidheachadh laghail do dhaoine a tha gun mhothachadh, agus gun dòchas air leigheas. Chan eil e nise cho duilich do dhotairean is teaghlaichean innealan taic-beatha a chuir dheth. Bheir an Dotair Ailean Mac an Tuairneir mìneachadh air na tha sin a' ciallachadh do dhaoine a tha gun mhothachadh agus gun dòchas air leigheas - no "vegetative state", mar a chanas iad sa Bheurla.

Cuideachd sa phrògram an-diugh tha Coinneach a' bruidhinn ri dithis a bhios an làthair aig na Co-Fharpaisean Eòrpach 2018 ann an Glaschu. Bidh Murchadh MacLeòid à Leòdhas na fhear-taic saor-thoileach aig na farpaisean lùth-chleas seo agus tha Ailean MacLeòid bho 91Èȱ¬ Spòrs gu bhith ag aithris air mòran de na bhios a' tachairt. Ach dè th' anns na farpaisean co-dhiù?

Cha bheag an t-uisge a th' air a bhith againn an t-seachdain sa, às dèidh samhradh gu math teth agus tioram. Às dèidh fras throm, cluinnidh sinn gu leòr a' bruidhinn air an fhàileadh a dh'fhairicheas sinn nuair a tha an talamh agus am feur bog fliuch. Tha an t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais a' toirt leasan dha Coinneach carson a tha am fàileadh seo às dèidh fras uisge.

57 minutes

Last on

Thu 2 Aug 2018 21:13

Broadcasts

  • Thu 2 Aug 2018 09:00
  • Thu 2 Aug 2018 21:13