Main content
Sorry, this episode is not currently available

An e 2018 bliadhna nam podcast?

Le barrachd dhaoine ag èisteachd riutha a bheil e fìor gur e 2018 bliadhna nam podcast? With more people listening in, is it true that 2018 will be the year of the podcast?

Air prògram an latha an-diugh tha Coinneach a' gabhail sgrìob bho shaoghal an teicneòlais gu glinn na h-Alba. A-rèir choltais tha mòran a bharrachd a-nise ag èisteachd ri podcasts - faidhlichean-fuaim air loidhne a' bruidhinn air gnothaichean eadar leabhraichean, poilitigs, ceòl no cuspair sam bith. Chan eil fad ann bhon a thuirt daoine gun robh an latha aca seachad, ach an e 2018 a' bhliadhna nuair a ruigeas iad ìre nas àirde buileach?

Bidh Steaphan MacRisnidh ag innse dha Coinneach mun teas uabhasach a th' air mòran dhaoine a mharbhadh is a chuir dhan ospadal ann an Iapan.

Cluinnidh sinn cuideachd mu bhaile anns an Fhraing a tha cho beartach is nach fheum iad idir cìsean a phàigheadh. Chan eil ach 586 duine a' fuireach ann an Le Perthus air a' chrìoch eadar an Fhraing agus an Spàinn, ach thog iad £700'000 bho chìsean-parcaidh ann an aon bhliadhna, le daoine a' dol dha na bùithtean air taobh na Spàinn den chrìoch.

Agus turas dhan tasglann aig Prògram Choinnich airson tuilleadh ionnsachadh mu Ghleann Thoirbeartain agus Gleann Shìldeig. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 25 Jul 2018 21:00

Broadcasts

  • Wed 25 Jul 2018 09:00
  • Wed 25 Jul 2018 21:00