Main content
Sorry, this episode is not currently available

Carson a tha cuid de luchd-spòrs cho saobh-chràbhach?

Dè tha fàgail gu bheil magaidean àraid aig luchd-spòrs bho Chupa na Cruinne gu Wimbledon? Why do sports stars from the World Cup to Wimbledon have strange superstitions pre-game?

Tha sinn uile air na cluicheadairean ball-coise fhaicinn air a' phàirc sna seachdainean a dh'fhalbh. Air Latha na Sàbaid, thig Cupa na Cruinne gu ceann. Ach cha tig na cleasan, na magaidean agus na creideamhan annasach a th' aig cluicheadairean spòrs. Tha cuid ann nach cur orra stocainnean eile airson an fharpais, feadhainn a dh'fheumas botal bùrn a bhith rin taobh dìreach mar a bha sa h-uile gèam eile. Ach dè na magaidean spòrs a th' aig daoine? Agus carson? Bruidhnidh Coinneach ri dithis luchd-spòrs agus saic-eòlaiche, airson freagairt a' lorg air carson a tha sinn a' dèanamh seo?

Cuideachd sa phrògram, an dàrna pàirt de chòmhradh le Malina Monks à Brù. Tha Malina air a beatha a dhèanamh ann an Astràilia, far a bheil i air a bhith an-sàs ann an iomairtean àrainneachd, obair a' chrèadha agus teagaisg. Fhuair Coinneach a-mach bhuaipe dè seòrsa beatha a th' air a bhith aice sa choille air taobh sear na dùthcha.

Agus tha mìneachadh ga dhèanamh air seann lagh ga-rìreabh - lagh a' bhrathaidh. Tha tè à Catalonia ga feuchainn sa chùirt an seo, le ùghdarrasan na Spàinn a' feuchainn ri Clara Ponsatí a thilleadh dhan dùthaich aca son brathadh. Ach dè dìreach a th' ann am brathadh gu laghail? bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 12 Jul 2018 09:00
  • Thu 12 Jul 2018 21:13