Main content
Sorry, this episode is not currently available

Co-labhairt na Fèinne aig SMO

Tha Coinneach ag ionnsachadh barrachd mu sheann ghaisgich nan Gàidheal agus an dìleab aca. Kenny learns more of the ancient Gaelic heroes and heroines, and their legacy.

An-diugh tha Coinneach a-rithist aig co-labhairt UlidiaFinn aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach - ag ionnsachadh mu Chù Chulainn, Fionn Mac Cumhaill, agus iomadach gaisgeach eile bho dhualchas nan Gàidheal.

Am measg na tha aige air a' phrògram, tha còmhradh mu Leabhar Deathan Lios Mhòir, far am faighear lorg air cruthan Albannach de mhòran de na seann sgeulachdan agus laoidhean. Tha Coinneach a' cluinntinn còmhradh mu chuid de bhoireannaich nan sgeulachdan, nam measg Meadhbh agus Deirdre.

Cluinnidh e cuideachd mu dhàin "Oisein" a dh'fhoillsich Seumas MacMhuirich - ach nach robh uile gu lèir cho aosta is a rinn e fhèin a-mach, a dh'aindeoins na seann laoidhean a bh' aig na Gàidheil. Agus beachd cuideachd bho chuid a bha an làthair aig a' cho-labhairt air fad. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 20 Jun 2018 21:00

Broadcasts

  • Wed 20 Jun 2018 09:00
  • Wed 20 Jun 2018 21:00