Coinneach madainn Diciadain
Ciamar a tha tubaist na h-Iolaire ga chomharrachadh air na meadhanan sòisealta? How is the Iolaire disaster being remembered on social media?
Tha cha mhòr ceud bliadhna ann bho thubaist uabhasach na h-Iolaire. B' e tubaist-mara a bh' ann san do bhà saich còrr air dà cheud duine, air an t-slighe dhachaigh a Leòdhas bhon a' chiad chogadh. Am measg nan dòighean a thathas a' tarraing aire dhaoine gu na tachartasan, tha na meadhanan sòisealta. Cluinnidh Coinneach bho Dhoileag NicLeòid agus Colin George Moireasdan mar a tha iad a' sgaoileadh fios air gach duine a chaillear.
Cuideachd sa phrògram, tha aire Choinnich air Afraga a' Deas. Tha cuid an sin an aghaidh ìomhaighean shnaighte de Phòl Kruger, Ceannard nam Boer sa chogadh an aghaidh Breatainn. Ach cò bh' ann an Kruger? Is carson a tha daoine geala à Afraga a' Deas cho dèidheil air?
Cluinnidh sinn cuideachd mu eathraichean is bà taichean nan Eileanan Siar, ann am pìos a chlà r Coinneach ann an 1994. Na chuideachd a' bruidhinn air an sgoth Nisich is eathraichean eile bha Aonghas MacLeòid à Tolastadh bho Thuath ann an Leòdhas, Alasdair MacSuain à Sgalpaigh, Uilleam Stiùbhart à Griomasaigh an Uibhist a' Tuath agus Iain Murchadh MacLeòid à Nis ann an Leòdhas. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 23 May 2018 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 23 May 2018 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal