Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin

Càite bheil sgìre Ghaza agus carson a tha uiread a dh'fhòirneart ann? Where is the Gaza Strip and why is there so much bloodshed there of late?

Cha bheag na chluinneas sinn mun còmhstri eadar na h-Israeilich agus na Palestinianaich. An t-seachdain sa chaidh mòran a mharbhadh le feachdan Israeil ann an sgìre Ghaza. Ach càite bheil an Gaza Strip, mar a chanas iad ris? Carson a tha uiread a bhuaireadh ann an sin gu sònraichte? Agus a bheil càil a dhùil ann gun tig fois-fòirneart sam bith? Gheibh Coinneach beachd air an sin bhon eòlaiche Iain Mac a' Phearsain.

Chuala sinn uile mun dreasa spaideil a chuir daoine às an rian air an eadar-lìon an-uiridh. Thuirt cuid gur ann gorm a bha i, le cuid eile a' cumail a-mach gur ann geal is buidhe a bha i. Ach a-nis tha rudeigin eile air beachdan a sgaradh air na meadhanan sòisealta: criomag fuaim sa bheil cuideigin ag ràdh Yanny... neo Hardy, a-rèir ar cluasan. Cò tha ceart? Tha ceathrar a' beachdachadh na cùis agus tha mìneachadh air an adhbhar argamaid le Iain Mac Aonghais.

57 minutes

Last on

Thu 17 May 2018 21:13

Broadcasts

  • Thu 17 May 2018 09:00
  • Thu 17 May 2018 21:13