Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diardaoin.

Am bu chòir eagal a bhith oirnn ro Iran? Should we fear Iran? bbc.co.uk/coinneach.

Tha Dòmhnaill Iain Trump, ceann-suidhe nan Stàitean, an dèidh cur às do dh' aonta Ameireagaidh le Iran mu chumhachd niuclasach. Dha gu leòr ann an Ameireagaidh, tha Iran na adhbhar-iomagain, eadar am prògram niuclasach agus an cumhachd aca. Ach am bu chòir eagal a bhith oirnn ro Iran? No a bheil an sin ach droch dhealbh nam meadhanan? Cluinnidh Coinneach bho dhithis a tha eòlach air cuspair an Ear Mheadhanaich.

Tha Coinneach cuideachd a' gabhail sgrìob eile dhan tasglann, is sinn a' comharrachadh 25 bliadhna de Phrògram Choinnich. Ann an 1997 chaidh Coinneach a-null gu Vancouver, far an do bhruidhinn e ri Murchadh MacÌomhair mu chaladh a bhaile.

Thairis air an t-seachdain a dh'fhalbh, tha an t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart air a bhith ag innse mun teaghlach a bh' aig Sgàire MacAmhlaigh, iar-ogha Dhòmhnaill Chaim, à Ùig Leòdhais. An-diugh, an earrainn mu dheireadh de sgeulachd-beatha Sgàire is a theaghlach.

Agus cò bh' anns an t-Urramach Ailean Hasson, neo Ailean Camshron, is dè an ceangal a bh' aige ris an Eilean Sgitheanach? bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Thu 10 May 2018 21:13

Broadcasts

  • Thu 10 May 2018 09:00
  • Thu 10 May 2018 21:13