Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach madainn Diciadain

Dè th' ann an Oighreachd a' Chrùin, agus carson a tha e cudromach? What is the Crown Estate, and why is it so important?

Tha deasbad a' dol an-dràsta mu na prothaidean agus na buannachdan a thig à Oighreachd a' Chrùin. Ach dè dìreach a th' ann an Oighreachd a' Chrùin, agus carson a tha e cho cudromach? Gheibh Coinneach mìneachadh air an oighreachd bhon fhear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach.

Cuideachd air a' phrògram, bidh Coinneach a' cluinntinn mu Sierra Leone, agus na ceangalaichean a bha eadar an dùthaich sin agus na Gàidheil an-diugh is an-dè. O chionn còrr air fichead bliadhna, chaidh fear à Griais ann an Leòdhas a chuir am bruid le reubaltaich san dùthaich. Cluinnidh sibh còmhradh a bh' aig Coinneach le Calum Moireach às dèidh dha faighinn dhachaigh, agus mar a chuala Derek MacAoidh bho fhear a bha san SAS a' cumail sùil air Calum nuair a bha e an grèim.

O chionn còrr air dà cheud bliadhna ge-tà, b' e Sgàire MacAmhlaigh fear dhen chiad riaghladairean a bha os cionn Sierra Leone - iar-ogha do Dhòmhnall Cam MacAmhlaigh à Uige Leòdhais. Thàinig e seo bho theaghlach fìor-chliùiteach, ach connspaideach cuideachd, mar a chluinneas sinn bhon Ollamh Dòmhnall Uilleam Stiùbhart.

Agus innsidh Niall Bartlett dhuinn mun loidhne-rèile a thog prìosanaich nan gulag dha Stalin am fìor cheann a tuath na Ruis - agus far an do bhàsaich na ceudan mhìltean ga togail, ged nach deach a chrìochnachadh a-riamh. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 2 May 2018 21:00

Broadcasts

  • Wed 2 May 2018 09:00
  • Wed 2 May 2018 21:00