Coinneach madainn Diciadain
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 40 bliadhna ann bhon a dh' fhoillsich Acair Call na h-Iolaire. We mark 40 years since Acair Books published Call na h-Iolaire.
Tha 100 bliadhna ann bhon a chaidh an HMY Iolaire air creagan Thuilm. Agus tha 40 bliadhna bhon a dh' fhoillsich Acair Call na h-Iolaire - leabhar mun tubaist a sgrìobh Tormod Calum Dòmhnallach. Cluinnidh Coinneach mun chiad leabhar a dh'fhoillsich Acair bho Chalum Greumach, a bha os cionn Acair aig an à m, agus a dh'obraich còmhla ri Tormod Calum airson an leabhar ullachadh. Tha Acair an-drà sta ag obair air leabhar ùr mun tubaist uabhasach anns an do chaill còrr air 200 duine am beatha agus tha Anndra MacFhionghain ag innse mar a tha dol dhaibh leis.
Thuirt a' chompanaidh bhùithtean Iceland nach reic iad cà il le ola pailme san à m ri teachd. Bho dheireadh 2018 cha bhith an ola, a tha ri fhaighinn ann an leth de na thathas a' reic, eadar briosgaidean is siabann, nam bathair idir. Faighnichidh Coinneach dhan eòlaiche-saidheans Murchadh Peutan, dè th'anns an ola tha seo agus carson a tha e cho feumail agus cho connspaideach?
Gheibh sinn cuideachd iomradh air mar a tha Ailean MacLeòid air a bhith a' faighinn air adhart ann an Costa Òir Astrà ilia, 's e ag aithris bho Gheamannan a' Cho-Fhlaitheis sa bhaile.
Agus saoil dè na trì leabhraichean a thog Calum MacConail anns na bùithtean carthannais airson nas lugha na £5? bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 11 Apr 2018 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Wed 11 Apr 2018 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal