Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach Diciadain

Eachdraidh nam fitheach a tha a' fuireach ann an Tùr Lunnainn, agus am beul-aithris a tha co-cheangailte riutha. The history and the folklore of the Tower of London ravens.

Le dùthaich às dèidh dùthaich a' gabhail taobh Bhreatainn mun a' chòmhstri a tha eadar iad fhèin agus an Ruis, tha Murchadh MacLeòid agus Torcuil Crichton a' deasbad dè a' bhuaidh a bheir seo air an Ruis?

Nì an t-Urr. Coinneach MacLeòid dealbh dhuinn air Costa an Òir ann an Astràilia, far am bheilear a' cumail Geamannan a' Cho-Fhlaitheis an ath mhìos.

Chaochail Munin, am fitheach a bu shine a bha a' fuireach ann an Tùr Lunnainn an t-seachdain sa. Bha i dà fhichead bliadhna sa dhà agus 's ann à Uibhist a thàinig i. Gheibh sinn eachdraidh nam fitheach a tha a' fuireach anns an Tùr agus am beul-aithris a tha co-cheangailte riutha bho Thormod MacCoinnich agus Ailig MacAmhlaigh.

Agus gach seachdain tha am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach a' toirt sùil air tasglann Courier Inbhir Nis a tha 200 bliadhna a dh'aois. An-diugh tha e a' togail air na naidheachdan a nochd sa phàipear ann an 1863. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Wed 28 Mar 2018 21:00

Broadcasts

  • Wed 28 Mar 2018 09:00
  • Wed 28 Mar 2018 21:00