Prògram sònraichte mu shaoghal nan ròbotan
Tha coltach gun tèid aig ròbotan air aon a-mach à gach còig dreuchdan a dhèanamh ann an Alba ro 2030. Robots will be able to carry out one in five jobs in Scotland before 2030.
Cha robh riamh uiread de chòmhradh ga dhèanamh mun a' bhuaidh a tha an saoghal eileagtronaigeach a' toirt oirnn agus dè a tha romhainn anns na bliadhnaichean ri teachd. Tha aithrisean a' nochdadh anns na pà ipearan naidheachd a h-uile latha an drà sta, mar a tha teicneòlas a 'gabhail thairis mòran dhreuchdan ach cuideachd an adhartas a tha tighinn na chois ann an cuid a roinnean.
Tha an t-eòlaiche eacanomaigeach Iain Caimbeul còmhla rinn le bheachdan fhèin.
Cuideachd dè mu dheidhinn a' bhuaidh oirnn gu sòisealta? Tha faisg air ochd bliadhn' deug bhon a-nochd seirbheisean a bhann-leathainn an toiseach agus an-diugh se glè bheag de dhachaighean nach eil ceangailte. Tha an teicneòlais air ar beatha atharrachadh gu mòr a thaobh dèiligeadh ri companaidhean, bancaichean, a' conaltradh ri chèile agus iomadh rud eile. Cha mhòr gu bheil cà il nach eil sinn a dèanamh tron eadar lion. A' cnuasachadh air an t-saoghal ùr anns a bheil sinn tha Kirsteen Mhoireach, pà rant, Catrìona Chaimbeul a chleachd a bhith a' teagasg agus Dòmhnallach an t-eòlaiche teicneòlais. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Wed 28 Feb 2018 12:3391Èȱ¬ Radio nan Gà idheal