Episode 60
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air 5mh den Fhaoilleach 1918, thug am Prìomhaire Dà ibhidh Lloyd-George òraid air amasan-cogaidh Bhreatainn do Chòmhdhail nan Aonaidhean Ciùird ann an Lunnainn. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè a bh' unnt' nuair a thug Lloyd-George seachad an òraid aig à m nuair a bha cuid ann am Breatainn a' fàs iomagaineach mun chogadh. Bha an riaghaltas ùr Boilsibheach san Ruis a' dèanamh sìth ris a' Ghearmailt is bha cuid dhen bheachd gum bu chòir do Bhreatainn an aon rud a dhèanamh.
Air 8mh den Fhaoilleach, thug an Ceann-Suidhe nan Stà itean Aonaichte, Woodrow Wilson, òraid seachad do Chòmhdhail nan Stà itean anns an do chuir e an cèill ceithir puingean deug mar bhunait airson crìoch a thoirt air a' chogadh agus gus dèanamh cinnteach gum biodh sìth air feadh an t-saoghail san à m ri teachd.
Mar a chluinneas sinn bha deasbadan sradagach mun chogadh a' fàs nas cumanta ann an Taigh nan Cumantan. Air 14mh den Fhaoilleach thug ceithir bà taichean-cogaidh Gearmailteach ionnsaigh air Yarmouth, a' marbhadh ceathrar is a' leòn ochdnar eile. Thug an riaghaltas cunntas lom dhan Phà rlamaid air an tachartas seo, mar nach b' e rud cudromach a bh' ann, ach cha robh cuid de na buill-pà rlamaid toilichte le sin.
Thà inig Ministear na Seirbheis Nà iseanta, Sir Auckland Geddes, cuideachd fo ìmpidh ann an Taigh nan Cumantan air an aon là . Dh'iarr e cead Bile a chur tron phà rlamaid mu dhòighean air barrachd dhaoine fhaighinn dha na feachdan. Am measg rudan eile, bhiodh seo a' ciallachadh nach biodh e cho furasta do dhaoine seachnadh a bhith air an togail air sgà th na h-obrach aca.
Agus air 15mh den mhìos chuala Taigh nan Cumantan mu cho-dhùnaidhean an sgrùdaidh a rinneadh air Blà r Cambrai, a ghabh à ite san t-Samhain 1917.
Air 20mh den mhìos chaidh ionnsaigh a thoirt air dà bhà ta-cogaidh Breatannach aig Eilean Imbros, far cladach na Tuirc. B' iad na bà taichean an HMS Raglan agus an M28. Cha robh iad ach beag agus bha na bà taichean-cogaidh a bu chòir a bhith gan dìon, an Agamemnon is an Lord Nelson, air falbh aig an à m. Chaidh an dà bhà ta Breatannach a chur fodha agus chaidh na bha bh' air bòrd - còrr is ceud gu leth duine - a bhà thadh.
Air an aon latha chaidh bà ta Breatannach eile, an HMS Louvain, a chur fodha leis a' bhà t-aigeil, an UC-22, anns a' Mhuir Ghreugach. A-rèir a' chunntais a dh'fhà g am bà t-aigeil, bha oidhche shoilleir, chiùin ann nuair a chunnaic iad bà ta-smùide air fà ire. Bha i seòladh ann an loidhne dhìreach is chuir iad deich mèinnean dhan mhuir air thoiseach oirre. An uair sin loisg iad oirre le torpìodo bho shia ceud meatair, ga bualadh san deireadh, agus thòisich i dol fodha.
Chaidh cùirt-cogaidh a chumail ann am Portsmouth trì mìosan às dèidh seo mu chur-fodha an Louvain.
Agus air 23mh den mhìos, chaidh am bà ta-carago Breatannach, an SS Birkhall, a bhualadh le torpìodo o bhà t-aigeil mu cheithir mìle an ear-dheas air Ceap Doro sa Ghrèig is i air a slighe eadar Salonika is Alexandria. B' ann à Tiriodh a bha an caiptean agus cluinnidh sinn mar a thachair.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 29 Jan 2018 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 29 Jan 2018 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Feb 2018 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal