Main content
Sorry, this episode is not currently available

Aileag còmhla ri Lisa

Tha sgoilearan Inbhir Nis agus An Ath Leathainn ag innse mar a tha iad a' comharrachadh Latha Raibeirt Burns. Inverness and Broadford school pupils are celebrating Burns Day.

Tha blas Albannach aig Lisa dhuibh agus prògram na seachdain 'sa a' comharrachadh Latha Burns.

Tha Callum air a bhith a' faighinn a-mach mun bhàrd fhèin.

Bidh Lisa ag innse carson a bhios sinn a' gabhail suipear Burns.

Tha sgoilearan Inbhir Nis agus an Ath Leathainn ag innse mar a bha iadsan a' comharrachadh latha a' Bhàird.

Agus ma tha taigeis air fhàgail agaibh, tha reasabaidh aig Marie airson na corran.

Sin agus ceòl gu leòr bho sheinneadairean agus còmhlain Albannach. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 27 Jan 2018 12:00

Music Played

  • Skerryvore

    The Last Time

    • World Of Chances.
    • 006.
  • Travis

    Sing

    • Sing.
    • 001.

Nachos le taigeis

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô:

130g Taigeis a th’ air a chòcaireachd

Sliseagan Tortilla

100g Càise sgrìobte gu mìn

Piobar dearg 

Piobaran jalapeno (ma thogras sibh)

Uinnean dearg 

¶Ùò¾±²µ³ó:

Teasaich an taigeis. Faodaidh sibh seo a dhèanamh ann am àmhainn mheanbh-thonnach airson mionaid no dhà, no cuir dhan àmhainn àbhaisteach aig teas 190 airson mu fhichead mionaid.
Fhad ‘s a tha sin a’ teasachadh, cuir na sliseagan tortilla air truinnsear a tha sàbhailte airson a dhol dhan àmhainn. 

Geàrr an t-uinnean dearg ann an sliosan agus cuir ann am pana gus a bheil e bog.  

Geàrr suas am piobar dearg. Faodaidh sibh a chòcaireachd cuideachd ma thogras sibh no fhàgail amh.

Nuair a tha an taigeis air a theasachadh, cuir air uachdar na sliseagan tortilla. An uair sin, cuir an t-uinnean, am piobar dearg agus na piobaran jalapeno air uachdar sin. Còmhdaich an truinnsear leis a’ chàise.

Cuir an truinnsear dhan àmhainn aig teas 190, gus an leagh an càise.  

Ith mar a tha iad, no faodaidh sibh uachdar goirt, guacamole agus salsa a ghabhail còmhla ris. 

Broadcasts

  • Fri 26 Jan 2018 14:00
  • Sat 27 Jan 2018 12:00